Luach £100k de dhrogaichean air a lorg

  • Air fhoillseachadh

Chaidh luach còrr air £100,000 de dhrogaichean a lorg air a' Ghàidhealtachd air an t-seachdain a dh'fhalbh.

Bha seo mar phàirt de dh'iomairt le Poilis na h-Alba ris an canar "Operation Ram".

Fhuair na poilis lorg air drochaichean anns an robh luach £117,205 an dèidh iomairtean ann an Gallaibh, Siorrachd Rois, Inbhir Nis agus Inbhir Narainn.

Chaidh aithisgean mu 17 neach a chuir gu Neach-casaid a' Chrùin an co-cheangal ri na h-iomairtean aca.

Thuirt Poilis na h-Alba gu bheil an obair a tha iad air a bhith ris, a' sealltainn mar a tha iad a' feuchainn ri stad a chuir air daoine a tha a' creic sa ceannachd drogaichean-toirmisgte.

Cluas ri claisneachd

Ann am brath-naidheachd, thuirt an Detective Inspector Pàdraig MacCoinnich gu bheil iad air a bhith a' cumail cluas ri claisneachd anns na coimhearsnachdan, agus gu bheil sin air a bhith cudromach.

"Tha am fiosrachadh a tha sinn a' faighinn deatamach, ann a bhith a' cur stad air drogaichean bho bhith tighinn a-steach dha na coimhearsnachdan againn".

"'S urrainn dhuinn an uairsin feuchainn ris an droch-bhuaidh a thig bho drogaichean, a lùghdachadh", thuirt e.

Dh'iarr Poilis na h-Alba air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu dhrogaichean, a dhol thuca sa bhad.