FAI son iasgair à Earra-Ghàidheal

Thèid rannsachadh tubaist bhàsmhor (FAI) a chumail an dèidh mar a bhàsaich iasgair à Earra-Ghàidheal bho chionn trì bliadhna.

Chaidh Scott MacAlister a bhàthadh nuair a chaidh am bàta-clèibh aige fodha far Eilean Èisdeal sa Ghiblean 2013.

Cha deach corp a lorg, agus tha a theaghlach dhan bheachd gu bheil a chorp fhathast air bòrd an eathair, air grunnd na mara.

Bha Mgr MacAlister, a bhuineadh do dh'Eilean Luing, ag iasgach leis fhèin air a' bhàta aige "Speedwell" nuair a chaidh i fodha.

Fhuair aithisg bho Bhuidheann Rannsachaidh nan Tubaistean Mara ann an 2014, gun robh a h-uile coltas ann gun d'fhuair uisge a-steach agus gur e sin a dh'adhbhraich mar a chaidh i fodha.

Thuirt iad cuideachd gun robh pumpa nach robh ag obair ceart, agus seann uidheamachd-sàbhailteachd mar phàirt dhe na trioblaidean air bòrd, a thuilleadh air gu robh Mgr MacAlister ag obair leis fhèin.

Dh'innis Oifis a' Chrùin gun tèid rannsachadh tubaist bhàsmhor a chumail an co-cheangal ri bhàs.

Dh'iarr teaghlach Mhr MacAlister gun deadh am bàta a thogail gu uachdar na mara, ach tha an co-dhùnadh sin an urra ri luchd-rannsachaidh nan tubaistean mara.