Iasgair a tha a dhìth air ainmeachadh gu h-ionadail

  • Air fhoillseachadh
Heileacoptair nam maor-chladaichTùs an deilbh, H.M Coastguard

Chaidh an t-iasgair a thuit dhan mhuir bhon bhàta an Apollo an iar air Arcaibh ainmeachadh gu h-ionadail mar Craig Reid à Bun Lòchaidh anns an Eilean Dubh.

Thuit e dhan mhuir anns a' mhadainn Diluain.

Bha iomairt mhòr theasargainn ann ach cha deach Mgr Reid a lorg.

Thuirt Poilis na h-Alba agus Meur Sgrùdaidh nan Tubaistean Mara gun dèan iad rannsachadh.