Bàs a' Chaoil - an duine air ainmeachadh

  • Air fhoillseachadh
Caladh Chaol Loch AillseTùs an deilbh, Phil Champion/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh Eòghann MacCoinnich a lorg faisg air Caladh Chaol Loch Aillse ann an uairean beaga na maidne Disathairne

Tha na poilis air an duine a bhàsaich, an dèidh a bhith na laighe gun mhothachadh faisg air a' chidhe ann an Caol Loch Aillse air an deireadh-sheachdain, ainmeachadh.

'B e Eòghann 'Ginger' MacCoinnich, a bha 61.

Bha e na laighe an sin airson ùine ann an uairean tràth na maidne Disathairne, mas deach a thoirt dhan ospadal, far an do bhàsaich e.

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh mun chùis.