Àimhreit mu chroitearachd ann an Col Uarach
- Air fhoillseachadh
Tha Coimisean na Croitearachd air comataidh ionaltraidh baile ann an Leòdhas a chur ma sgaoil.
Chaidh na buill air comataidh ionaltraidh Chuil Uaraich a chur a-mach às an dreuchdan agus an Coimisean mì-thoilichte le cuid dhe na cunntasan a chaidh a chur thuca leotha.
Thàinig riochdairean bhon Choimisean dhan bhaile air a' Gheamhradh seo chaidh 'son còmhstri eadar a' chomataidh ionaltraidh agus dithis chroitearan a rannsachadh.
Rinn a' chomataidh ionaltraidh gearain mun dòigh san do làimhsich Fear-Gairm a' Choimisein, Cailean Ceannadach, a' choinneamh.
Ach thìll an Coimisean thuca le grunn rudan a bha iad ag iarraidh orra a chur ceart, a' toirt a-steach dòighean-riaghlaidh na buidhne, agus cunntasan am measg eile.
Thuirt an Coimisean ge-tà, nach robh a' chomataidh ionaltraidh air cunntas ceart a thoirt air ionmhas, agus chuir iad a' chomataidh gu lèir ma sgaoil.
Tha Coinneach Dòmhnallach a bh' air a' chomataidh den bheachd nach do rinn iad càil ceàrr.
"Rinn sinn a h-uile rud a chaidh iarraidh oirnn, ged nach robh sinn ag aontachadh gun robh a leithid a dhìth," thuirt e.
"Shaoil sinne gun robh an Coimisean ann airson taic a thoirt do chomataidhean-ionaltraidh, agus dha croitearachd, an àite a bhith a' maoidheadh oirnn an cur a-mach às oifis," thuirt Mgr Dòmhnallach.
Thuirt labhraiche bhon Choimisean nach urrainn dhaibh beachd a thoirt air cùis a tha fhathast a' dol air adhart, agus gum bi iad a' beachdachadh air na h-ath-cheumanan còmhla ris na croitearan.
Tha Baile Chuil Uaraich aithnichte ann an eachdraidh strì an fhearainn, agus e am measg bhailtean far an deach rèadan a dhèanamh air cuid de na tuathanasan mòra san linn a dh'fhalbh.