Port-adhair Bharraigh ga mholadh
- Air fhoillseachadh

Chaidh Port-adhair Bharraigh ainmeachadh sa cheathramh àite air liosta de na puirt-adhair as fheàrr air an t-saoghal.
Rinn Barraigh a' chùis air puirt-adhair leithid St Maarten sa Charribean agus LAX anns na Stàitean Aonaichte.
Ach bha e air dheireadh air port-adhair Mhalta, a bha sa chiad àite, agus Queenstown ann an New Zealand.
Seo an t-siathamh bliadhna sreath chèile a chaidh Port-adhair Bharraigh ainmeachadh sa liosta dhan deich.
Chaidh an bhòt a chumail leis a' chompanaidh 'PrivateFly' far an do bhòt còrr is mìle duine.
Thuirt fear dhe na britheamhan Adam Twidell gur e cothrom sònraichte a th' ann a bhith air plèana nuair a laigheas e air an tràigh agus gur e deagh dhòigh a th' ann gus tighinn dha na h-Eileanan an Iar ann an Alba.