Mìneachadh ga iarraidh mu chomataidh baile

Tràigh Chuil Image copyright Geograph John Allan

Dh'iarr Caidreachas Croitearachd na h-Alba mìneachadh air Coimisean na Croitearachd air mar a chuir iad ma sgaoil comataidh ionaltraidh ann an Leòdhas.

Thuirt an Caidreachas gun robh mar a chaidh a' chomataidh ionaltraidh ann an Col Uarach a chur ma sgaoil "iongantach agus gun samhail".

Bha a' chomataidh baile air gearain a thogail mu Fhear-Gairm a' Choimisein às dèidh coinneimh leotha an-uiridh, ach bha an Coimisean air ceistean a thogail mu chunntasan na comataidh baile.

Thuirt an Coimisean nach b' urrainn dhaibh càil a ràdh mu chùis a bha a' leantainn.

Dh'aidich Àrd-Oifigear Caidreachas Croitearachd na h-Alba, Patrick Krause, nach robh làn-fhiosrachadh aca mun chùis, ach gun robh an coltas ann gun robh an Coimisean a' feuchainn ris a' ghearain an aghaidh an Fhir-Ghairm aca a mhùchadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo