Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Giblean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Cemfjord

Thuirt aithisg oifigeil mu bhàta-bathair a chaidh fodha an-uiridh gur dòcha gun robh cuideam air an sgiobair, no gun robh esan den bheachd gun robh cuideam air air adhbharan coimearsalta, seòladh tron Chaol Arcach ann am fìor-dhroch shìde. Chaill ochdnar am beatha nuair a chaidh car den t-soitheach, an Cemfjord, air an robh cargo de seamaint anns an Fhaoilleach an-uiridh.

Cosgais Dìon

Tha Comataidh an Dìon ann an Taigh nan Cumantan a' cur teagamh anns an dòigh sa bheil an Riaghaltas a' cunntas na tha iad a' cosg air dìon na dùthcha. 'S i Breatainn aon de dh'àireamh ghlè bheag de na dùthchannan a tha a' cosg 2% de thoradh GDP na dùthcha air dìon mar a tha NATO ag iarraidh orra - ach tha a' Chomataidh ag ràdh gur ann le a bhith cruthachail leis na figearan. Thuirt Ministreachd an Dìon nach eil iad 'a briseadh dad de riaghailtean NATO.

Ched Evans

Chuir Cùirt an Ath-Thagraidh às dhan diteadh airson èigneachaidh an aghaidh a' chluicheadair bhuill-choise Chuimrigh, Ched Evans, agus thèid a' chùis na aghaidh fheuchainn às ùr. Chaidh Evans a chur dhan phrìosan ann an 2012 airson boireannach èigneachadh aig taigh-òsta ann an Rhyll ann an 2011. Chaidh a shaoradh às a' phrìosan ann an 2014 leth-ùine tro bhinn còig bliadhna.

Bàthadh Imrichean

Tha dragh aig Buidhinn nam Fògarrach aig na Dùthchannan Aonaichte gun do chaill còrr is 500 de luchd-imrich am beatha le am bàthadh anns a' Mhuir Mheadhan-Thìrich air an deireadh-sheachdain seo chaidh. Ma thèid a dearbhadh 's i an tubaist as miosa bho chionn còrr is bliadhna ann an sgìre far a bheil 800 duine air am beatha a chall mar thà am-bliadhna.

Col Uarach

Dh'iarr Caidreachas Croitearachd na h-Alba mìneachadh air carson a chuir Coimisean na Croitearachd comataidh ionaltraidh ann an Leòdhas ma sgaoil. Thuirt an Caidreachas gur e rud iongantach a tha seo nach do thachair riamh roimhe, an dèidh dhan chomataidh ionaltraidh ann an Col Uarach gearain a thogail mu Fhear-Gairm a' Choimisein, Cailean Ceanadach. Thuirt Àrd-Oifigeach a' Chaidreachais, Patrick Krause, ged nach eil am fiosrachadh gu lèir aigesan, gu bheil a h-uile coltas ann gur ann a' feuchainn ri cur às dhan ghearan sin a tha an Comisean.

A' Bhàn-righ

Tha a' Bhàn-righ, a tha 90 an-diugh, a' cur seachad a cola-breith aig Caisteal Windsor. 'S i a-niste as sine agus as fhaide a th' air a bhith sa Chrùn. Agus a-nochd fhathast lasaidh a' Bhàn-righ a' chiad theine ann an sreath de chòrr is 1,000 teine air feadh na Rìoghachd a' comharrachadh an là.