Caoraich ma sgaoil an Inbhir Nis

Sheep in Inverness

Chaidh na Poilis a ghairm a dhèiligeadh ri treud bheag chaorach a bha ma sgaoil faisg air meadhan baile Inbhir Nis.

Bha na beathaichean ag ithe feòir ann an gàradh air beulaibh taighe air Rathad an Druimeanaich, faisg air far a bheil sin a' coinneachadh ri Rathad Chùil Daothail, a tha nas trainge.

Chuir daoine fios air na Poilis agus dragh orra gach cuid mu na caoraich a bhith faisg air trafaig, agus gus an cur air ais leis an duine leis a bheil iad.