An Taobh Siar troimhe chun na cuairt deireannaich

Ball-Coise

'S iad an Taobh Siar a thèid an aghaidh sgioba Chàrlabhaigh sa chuairt dheireannaich de Chupa an Acres, an dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh 4-1 an aghaidh an Rubha ann am Barabhas oidhche Chiadain.

Chaidh an Taobh Siar air thoiseach le tadhal tràth bho Mhàrtainn Shields, ach bha sgioba an Rubha co-ionnan san aithghearrachd le tadhal bho Wally MacÌomhair.

Bha cothroman gu leòr aig an Rubha, ach 's iad sgioba an Taobh Siar a ghabh na cothroman acasan, a' faighinn trì tadhail eile ro leth-ùine, a' fagail gun robh e 4-1 aig leth-ùine.

Gu h-iongantach, thàinig na trì tadhail sin bho bhreaban-oisne dhan Taobh Siar, le Ali Barvas, Donnachadh MacIlllEathain agus Ionatan Wallace a' faighinn nan tadhal.

Bidh an sgòr a' toirt misneachd do sgioba an Taobh Siar aig toiseach an t-seusain, agus iad a' dearbhadh gu bheil iad làidir air feadh na pàirce, agus iad a' faighinn tadhal às gach ceàrn.

Thèid a' chuairt dheireannach eadar an Taobh Siar agus Càrlabhagh a chluiche air 29mh an Giblean aig Pàirce Chnoc nan Gobhar aig 6:30f.

Chaidh Càrlabhagh troimhe chun na cuairte deireannaich an dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Nis 3-1 Oidhche Luain.