Tairgse Nicola

Chan eil tachartasan an SNP anns an latha a tha ann coltach ri càich.

Bha daoine deònach feitheamh a-muigh air na sràidean gum faigheadh iad àite anns an talla far am foillsicheadh Nicola Sturgeon am Manifesto aca.

Le mu 1,400 an làthair bha e na bu trainge na a' chuid as motha de cho-labhairtean nam pàrtaidhean eile.

Cha bu chòir sin iongnadh a chur air daoine.

On latha a dhiùlt muinntir na h-Alba gabhail ris a' phrìomh amas aca, tha ballrachd a' phàrtaidh air a dhol am meud gu còrr is 115,000 agus chaidh iad bho 6 gu 56 aig Westminster (mus do thuit an àireamh sin gu 54 ri linn connspaidean ionmhais).

Agus, mas fhìor na cunntasan-bheachd, tha cothrom aca cur ris a' mhòr-chuid aca aig Holyrood cuideachd.

Amas

Ach chan eil an SNP a' creidsinn gur e àm a tha seo airson a bhith nan tàmh.

Is e aodann Nicola Sturgeon a tha air còmhdach an leabhrain fon fhacail "ath-thagh" ann an clò trom, dubh.

Ach cha deach a taghadh mar phrìomh mhinistear leis a' phobal, ach leis a' phàrtaidh agus a' Phàrlamaid às dèidh do dh'Ailig Salmond an dreuchd a leigeal dheth.

Is e amas cudromach a tha ann dhi sin atharrachadh, agus mar sin tha Ms Sturgeon ag iarraidh taic phearsanta tron fhoillseachan seo.

Gu dearbh, thuirt i gun robh am manifesto seo na thairgse cosnaidh airson dreuchd a' phrìomh mhinisteir.

Ach às dèidh bliadhna gu leth anns an dreuchd agus naoi bliadhna anns an riaghaltas, dè as urrainn dhi tabhainn?

Prìomhachas

Mar a bhiodh dùil, tha aire shònraichte air na rudan a tha fo smachd na Pàrlamaid an-dràsta, no a bhitheas a dh'aithghearr.

Tha slàinte a' faighinn prìomhachas agus an SNP a' gealltain gun cuireadh iad £500m ri buidseat an NHS ro dheireadh na ath-phàrlamaid.

An uair sin, air foghlam, their am manifesto nach bi cìsean oideachaidh do dh'oileanaich fo riaghaltas an SNP, agus gum faigh ceannardan sgoile barrachd airgid gus taic a chuir ri sgoilearan as na teaghlaichean as bochda.

Air cìsean, tha iad ag ràdh gun tèid bun-ìre na cìse cosnaidh a "reòthadh", a' dèanamh coimeas eadar am polasaidh aca agus reòthadh na cìse comhairle.

Dh'iarradh iad barrachd tron chìs chomhairle fhèin bho dhaoine as na taighean a bu daoire.

Ach dè mu dheidhinn prìomh amas a' phàrtaidh?

Obair

Is e neo-eisimeileachd an rud mu dheireadh a nì iad iomradh air anns a' gheàrr-chunntas aca, a chanas gun tòisich "obair ùr" as t-samhradh gus taic fhaighinn air a son bho "mhòr-chuid shoilleir" de dh'Albannaich.

Ged a bha dùil ris, is e briseadh dùil a bhios ann do chuid nach cumadh an SNP reifreann eile air àite na h-Alba anns an Rìoghachd Aonaichte as aonais fianais gu bheil a' mhòr-chuid ga iarraidh, no atharrachadh mòr bho shuidheachadh na bhòt mu dheireadh.

Gu sònraichte, nan deigheadh Alba a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach an aghaidh a toile, dh'fhaodadh iad bhòt reifreann eile a ghairm.

Tha am manifesto a' dìon còir na h-Alba bhòtadh air neo-eisimeileachd mas e sin a dh'iarras na daoine.

Ach is e cnag na cùise nach eil Nicola Sturgeon ag iarraidh reifreann eile gus am bi dùil aice gun dèanadh i a' chùis.

Feumaidh i taghadh a' Chèitein a bhuannachadh an toiseach.