Sgitheanaich air an rathad

Caol Bhòid Image copyright SNS
Image caption Caol Bhòid a' dèanamh gàirdeachais, sealladh nach bi na Sgitheanaich airson faicinn Disathairne.

Bidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich air an rathad Disathairne is iad a' siubhail a chluiche Caol Bhòid ann an Taigh na Bruaich.

Tha na Sgitheanaich air tòiseacheadh an ìre mhath bho thill iad dhan Phrìomh Lìog is iad co-ionnan thuige seo ri Loch Abar is Camananachd an Òbain.

Bha là nas miosa aca an t-seachdain seo chaidh, a' call 4-0 ri Bail' Ùr an t-Slèibh ann an Cupa MhicThàmhais.

Chan eil e a' fàs dad nas fhasa dhaibh le turas a Thaigh na Bruaich.

Tha Caol Bhòid gun chall fhathast, is chuir iad 12 thadhal seachad air Eilean Bhòid Disathairne fiù 's ged nach robh Ruairidh Dòmhnallach san sgioba.

Dùbhlan

Cha bhi Iain Moireach is Chris MacIllinnein rim faighinn dha na Sgitheanaich is an dithis air corrag a bhristeadh.

Dùbhlan doirbh a bhios ann, is shaoileadh tu gum bi na Sgitheanaich glè riaraichte ma tha iad fhathast gun gheama a chall oidhche Shathairne.

Tha geama eile a bhios cudromach aig mullach na lìge ann an Cill Targhlain far an cuir Lòbhat fàilte air Bail' Ùr an t-Slèibh.

Ged a thog iad Cupa na Camanachd an-uiridh, bha seusan gu math measgaichte aig Lòbhat san lìog.

'S e a' cheist an urrainn dha Lòbhat fìor-oidhirp a dhèanamh air an lìog a bhuannachadh, mar a rinn iad 'son cuid mhath de sheusan 2014.

Freagairt

Bidh beachd nas fheàrr againn air freagairt na ceist sin às dèidh a' gheama Disathairne.

San dà gheama eile sa Phrìomh Lìog, dh'fhaodadh Ceann Loch Seile a dhol gu mullach na lìge ma nì iad an gnothach air Loch Abar, agus 's e sreap air falbh bho bhonn na lìge a bhios san amharc aig Gleann Urchadain nuair a thèid iad a Cheann a' Ghiuthsaich.

'S e sin an t-amas a bhios aig dàrna sgioba an Eilein Sgitheanaich ann an Lìog Tuath 1.

Cuiridh na Sgitheanaich fàilte air a' Mhanachainn Disathairne.

Puingean

Tha Camanachd Leòdhais ag amas air na ciad puingean acasan den t-seusan cuideachd.

'S e theab is nach do theab a bh' ann dha na Leòdhasaich grunn thursan thuige seo am-bliadhna.

Tha deagh chothrom aca sin atharrachadh aig Pàirc a' Bhucht an aghaidh Inbhir Nis, sgioba a tha còmhla riutha aig bonn na lìge.

Bidh Will Church a dhìth air na Leòdhasaich, ach tillidh Stiùbhart 'Tyson' Caimbeul air ais sa bhuidhinn.

Geama faisg san amharc, is bidh na Leòdhasaich ag amas air dà phuing 'son spionnadh a chur annta air thoiseach air an t-sreath gheamaichean aca aig an taigh a tha a-nise air fàire.