Gairm-èiginn aig taigh-òsta air Ghaidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Chaidh ceathrar a thoirt dhan ospadal an dèidh suidheachaidh èiginnich aig taigh-òsta air a' Ghàidhealtachd tràth madainn Dihaoine.
Tha na seirbheisean èiginn air rannsachadh a thòiseachadh agus beachd ann gu bheil gas ag aodion aig Taigh-Òsta Drochaid Charra.
Chaidh an ceathrar a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Chaidh 90 duine a thoirt a-mach às an taigh-òsta, goirid às deidh 05:00m Dihaoine.
Tha trì criuthaichean-smàlaidh air a bhith aig a làraich tron mhadainn, agus iad a' rannsachadh na cùise.