Comhairlichean a' cur taic ri CalMac

MV Finlaggan

Iarraidh comhairlichean Earra-Ghàidheal agus Bhòid air Riaghaltas na h-Alba seirbheisean-aiseig a' chosta an iar a chumail san roinn phoblaich.

Tha dùil ri dearbhadh an dèidh an taghaidh Albannaich, an iad a' bhuidheann phoblach, CalMac, neo a' chompanaidh phrìobhaideach, Serco, a gheibh an cùmhnant ùr.

Sgrìobhaidh comhairlichean Earra-Ghàidheal is Bhòid litir gu Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh orra spèis a thoirt do dh'aithisg bho eòlaichean aig Oilthigh Ghlaschu a tha ag ràdh gum bi an t-seirbheis gu math nas fheàrr le bhith a' fuireach ann an làmhan poblach.

'S e an Comh. Robin MacMhuirich a chuir an gluasad air adhart, agus ged a tha e ag aideachadh gu bheil rudan nach eil buileach ceart mu dhòighean-obrach ChalMac, thuirt e gu bheil e nas fheàrr na seirbheisean-aiseig a chumail san roinn phoblaich.

"Meanndaidh tu rudan a dhèanamh, agus thar nam bliadhna rinn sinn mòran," thuirt e.

"Meanndaidh tu cainnt ri CalMac agus tha mi a' smaoineachadh nam biodh cùisean ann an làmhan prìobhaideach gum biodh iad airson airgead a dhèanamh, agus dòcha nach fhaigheadh sinn seirbheis cho math," thuirt Mgr MacMhuirich.

Thig dearbhadh air cò gheibh an cùmhnant an dèidh an taghaidh Albannaich sa Chèitean.