Dragh mu àm cho-chomhairle

Pèileag Image copyright PA

Tha buidheann a tha draghail mun bhuaidh a bhios aig sgìre ghlèidhte mhara ùr eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr na h-Alba air ceist a thogail mu mar a thòisich co-chomhairle air a' chùis mun aon àm ri iomairt an taghaidh Albannaich.

Chaidh ùine na co-chomhairle a thòiseachadh là mus do thòisich iomairt oifigeil an taghaidh, nuair a tha cuingealachadh ga dhèanamh air na ghabhas a ràdh le oifigich riaghaltais is eile air gnothaichean poileasaidh agus gnothaichean poileataigeach eile.

Thuirt a' bhuidheann SHAMED gun robh sin ga fhàgail nas doirbhe beachd fhaighinn air dè a' bhuaidh a bhiodh aig an sgìre ghlèidhte air a' choimhearsnachd.

Bhiodh an sgìre fo ghlèidheadh shònraichte a' ruith eadar Eilean Diùra aig deas agus Tolastadh ann an ceann a tuath Leòdhais - sgìre a tha gu sònraichte cudromach a thaobh phèileagan.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba: "Gus dleastanasan na h-Alba fo Stiùireadh Àrainnean an AE a choileanadh gun dàil, chaidh iarraidh air SNH a' cho-chomhairle a chur air bhonn mus do thòisich an taghadh.

"Leanaidh a' cho-chomhairle cuideachd deagh ghreis an dèidh an taghaidh."