Buntàta a dhìth an Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Talamh machrach
Fo-thiotal an deilbh,
An-dràsta, bidh an ceithir tunna de bhuntàta a chleachdas sgoiltean Uibhist ga thoirt a-steach air fad far Tìr Mòr.

Chaidh iarraidh air croitearan ann an Uibhist beagan a bharrachd buntàta a chur na bhios a dhìth orra fhèin, airson buntàta a chumail ri sgoiltean an eilein.

Tha feum air suas ri ceithir tunna, agus le aon bhuidhinn gu bhith ga cheannach air fad bho na croitearan cumaidh sin smachd air rianachd na sgeama.

Tha beachd ann gun toir seo eòlas cuideachd dhan òigridh air cò às a tha am biadh a tha iad ag ithe a' tighinn.

Tha an ceithir tunna de bhuntàta a chleachdas sgoiltean Uibhist an-dràsta uile ga thoirt a-steach far Tìr-Mòr.

Seòrsa sam bith

Thathas ag amas air sin atharrachadh, le taic bho sgeama ùr aig Riaghaltas na h-Alba.

'S e amas a' phròiseict, "biadh ionadail do dhaoine ionadail".

"Tha sinne a' cur bhuntàta co-dhiù, agus o chionn bhliadhnaichean bhiodh sinn a' cur tòrr a bharrachd, 's bhiodh sinn ga reic aig margaidean ann an Uibhist," thuirt Ann NicIllFhialain, a tha na Cathraiche air Comann Àiteachais Uibhist a Tuath.

"Ach sguir sinn an uair sin, cha robh na margaidean a' ruith.

"Chòrdadh e rium nam biodh sinn a' fàs barrachd - agus cha bhiodh e doirbh sin a dhèanamh, dìreach beagan a bharrachd a chur gach bliadhna airson a chur dhan phròiseact."

Tha Cathraiche Comataidh Croitearachd Chomhairle nan Eilean Siar, an Comhairliche Uibhisteach Uisdean Robasdan, cuideachd a' cur taic ris a' phròiseact, 's tha e air a bhith a' còmhradh ri croitearan mu dheidhinn.

"Tha grunn air ùidh a shealltainn air taic a thoirt seachad sin a dhèanamh," thuirt e.

"Bhiodh an uair sin am buntàta a' tighinn a-steach do dh'àite sa mheadhan, mar gum biodh, agus bhiodh an fheadhainn a tha os cionn a' ghnothaich an sin a' cur a' bhuntàta air dòigh.

"Tha an croitear a' faighinn pàigheadh air a shon, 's tha an uair sin am buntàta a' dol dha na sgoiltean," thuirt e.

A bharrachd air lorg chàrboin nan sgoiltean a lùghdachadh, ma bhios am pròiseact soirbheachail dh'fhaodadh e leudachadh gu glasraich agus biadh eile san àm ri teachd.

Fiù 's le buntàta a-mhàin ge-tà, tha beachd ann gun leudaich am pròiseact foghlam na cloinne cuideachd.

"Tha a' chlann againne, tha iad air a bhith ann an Sgoil Cheann a' Bhàigh, is chuir iad buntàta còmhla ri croitearan faisg air an sgoil an-uiridh," thuirt Ann NicIllFhialain.

"An uair sin thill iad air ais ga thogail.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e math, ma chì clann seo. Tha iad cuideachd ga chur, 's an uair sin ga thogail, agus an uair sin ma tha iad ga ithe san sgoil, 's e rud math a tha sin, oir tha iad a' leantainn a' bhuntàta tro na diofar amannan gus an gabh e ithe. Tha iad ag ionnsachadh tòrr às sin," thuirt i.

Faodaidh na croitearan buntàta de sheòrsa sam bith a chur airson a' phròiseict.

Tioram

Tha beachd aig a h-uile duine dè as fheàrr leotha.

"'S toil leinne Red Rooster. Tha sinn air a bhith ga fhàs o chionn bhliadhnaichean," thuirt Ann.

"Ach tha diofar dhaoine a' fas Kerr's Pink, agus Maris Piper 's diofar sheòrsaichean.

"Ach 's e Red Rooster as toil leinne. Tha e blasta, agus 's toil leam buntàta tioram cuideachd. Am buntàta far a' mhachaire, chan eil beatadh air. Tha e math," thuirt i.

Tha beachd agam fhèin air a' bhuntàta as fheàrr leam fhèin," thuirt Uisdean.

"Tha mi an-còmhnaidh ag obair le buntàta caran buidhe, tioram, a th a' sgaoileadh cho luath 's a dh'itheas tu e.

"Ach chan eil fhios agam an e sin a tha a dhìth air na còcairean anns na sgoiltean idir idir.

"Ach nì sinn barrachd còmhraidh mu dheidhinn sin tha mi a' creidsinn," thuirt e.