Rathaidean na Gàidhealtachd a' dol am miosad

  • Air fhoillseachadh
Toll sa rathad

Tha staid rathaidean na Gàidhealtachd a' dol am miosad nas luaithe na sgìre dhùthchail eile ann an Alba, a rèir rannsachaidh ùir.

Fhuair an sgrùdadh air staid rathaidean na h-Alba gun robh 40% de rathaidean ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd ann an staid truagh.

Tha sin nas àirde na an còrr de dh' Alba 's a chumantas agus suas 3% bho 2014.

Sheall na figearan cuideachd gu bheil na rathaidean 's miosa ann an Alba ann an Earra Ghàidheal 's Bhòid.

Fhuaireas gun robh còrr air an dàrna leth dhiubh ann an staid truagh, ged a tha sin nas fheàrr na 2014.

Tha beagan a bharrachd air £7m aig Comhairle na Gàidhealtachd ri chosg gach bliadhna air obair-càraidh air na rathaidean gu 2025.

Thug oifigich rabhadh seachad, ge-tà, gun cosg e còrr air a dhà uidhir, mu £16m, airson cùisean a chumail mar a tha iad an-dràsta air na rathaidean.