Co-dhùnadh a' Choimisein ga chàineadh
- Air fhoillseachadh

Dh' fhàg eòlaiche air lagh croitearachd air Coimisean na Croitearachd gun deach iad nas fhaide na leigeas an cumhachd leotha le bhith a' cur comataidh ionaltraidh baile ann an Leòdhas ma sgaoil.
Chaidh na buill air comataidh ionaltraidh Chuil Uaraich a chur a-mach às an dreuchdan agus an Coimisean mì-thoilichte le cuid dhe na cunntasan a chaidh a chur thuca leotha.
Ach a rèir an fhir-lagh, Brian Inkster, the riaghailtean a' Choimisein fhèin a' moladh nach bu chòir dhaibh a dhol an sàs ann an cùisean ionmhasail dha leithid.
Thuirt e cuideachd nach robh e reusanta an comataidh a chur ma sgaoil gun cothrom a thoirt dhaibh barrachd fiosrachaidh a thoirt don Choimisean.
"Bu chòir do Choimisean na Croitearachd coimhead às ùr air a' cho-dhùnadh aca a thaobh comataidh ionaltraidh Chuil Uaraich," thuirt Mgr Inkster.
"Mura dèan iad sin, bu chòir do Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs anns a' chùis agus 's dòcha fiù' s beachdachadh air na coimiseanairean a rinn an co-dhùnadh a chur às an dreuchd," thuirt e.
Thuirt Mgr Inkster gum bu chòir na rinn Coimisean na Croitearachd a bhith na dhragh do chroitearan air feadh na dùthcha agus do Riaghaltas na h-Alba.
Thuirt labhraiche bhon Choimisean nach urrainn dhaibh beachd a thoirt air cùis a tha fhathast a' dol air adhart, agus gu bheil iad an dòchas coinneachadh ri croitearan ann an Col Uarach a dh' aithghearr.
Tha Baile Chuil Uaraich aithnichte ann an eachdraidh strì an fhearainn, agus e am measg bhailtean far an deach rèadan a dhèanamh air cuid de na tuathanasan mòra san linn a dh'fhalbh.