Rabhadh do luchd-coiseachd agus sreap

Blà Bheinn, an t-Eilean Sgitheanach Image copyright Hill walker/Geograph

Chàin poilis san Eilean Sgitheanach sreapadair air an deach cobhair a dhèanamh an dèidh dha a dhol air chall sa Chuiltheann oidhche na Sàbaid.

Chuirear fios air na buidhnean èiginn mu 5.20f agus chaidh iomairt theasairginn a chuir air dòigh le sgioba teasairginn nam beann agus na poilis san Eilean Sgitheanach agus heileacoptair Maoir-chladaich Steòrnabhaigh.

Fhuair sgioba an heileacoptair lorg air 's e air Blà Bheinn, agus thog iad e gu sàbhailteachd.

Ann an teachdaireachd air an làrach-lìn sòisealta Twitter chàin poilis Loch Abair agus an Eilein Sgitheanaich an sreapadair.

"Chan e measgachadh math a th'ann a bhith a' dol a-mach air beanntan an Eilein Sgitheanaich, neo ann an àite sam bith, gun chlàr ach clàran Google air fòn air nach eil cumhachd agus dòigh smuaineachaidh dòchasach," thuirt iad.

Chuir iad ìmpidh air daoine a bhith ullaichte seach a bhith a' cur feum air cobhair.