Croitearan a' coinneachadh ri comhairlichean

Coinnichidh croitearan ann an Leòdhas ri comhairlichean Dimàirt agus iad a' sireadh taic bhuapa agus iad air a dhol a-mach air Coimisean na Croitearachd.

Chaidh a' chomataidh ionaltraidh ann an Col Uarach a chur ma sgaoil leis a' Choimisean.

Diluain thuirt fear-lagha a tha mion-eòlach air gnothaichean croitearachd, Brian Inkster, gun robh an Coimisean, na bheachd-san, ceàrr anns a' chùis agus gun robh còir aig Riaghaltas na h-Alba a' chùis a rannsachadh.

Tha fear-lagha eile air maoidheadh, mura tarraing an Coimisean an co-dhùnadh air ais ro Dhihaoine, gun toir esan gu Cùirt an Fhearainn iad.

Thuirt labhraiche às leth Riaghaltas na h-Alba: "'S e cùis bheò a tha seo a tha ga sgrùdadh anns an dòigh iomchaidh ann an Coimisean na Croitearachd, agus mar sin cha bhiodh e iomchaidh beachd a thoirt seachad air aig an ìre seo.

"Tha Coimisean na Croitearachd ri obair riatanach ann a bhith a' riaghladh na croitearachd.

"Tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt taic don Choimisean gus seirbheis èifeachdach a thoirt seachad do chroitearachd, ann a bhith a' brosnachadh seasmhachd na croitearachd a chùm buannachd a' ghinealaich seo agus ginealaichean ri teachd."

Tuilleadh air an sgeulachd seo