Fiaradh Carragh-cuimhne Ghleann Fhionnainn
- Air fhoillseachadh

Tha uidheamachd shònraichte ga cur an sàs aig Carragh-cuimhe Ghleann Fhionnainn ann an Loch Abar faic de cho mòr 's a tha an tùr a' fiaradh.
Thogar an tùr bho chionn 200 bliadhna agus tha e a' fiaradh mu 26cm chun an iar.
Ged nach eil e idir cho dona ri Tùr Phìosa san Eadailt, tha e dona gu leòr airson dragh a dhèanamh dha Urras Nàiseanta na h-Alba.
Thèid sgrùdadh leusair a dhèanamh air an tùr anns a bheil 18 meatar de dh'àirde.
Tha an t-urras an dòchas gun cuidich seo iad dèanamh a-mach a bheil pàtran ann am fiaradh a' charragh-chuimhe faic a bheil e nas miosa aig diofar amanan den bhliadhna, neo a bheil ceangal aige ri na tha de bhùrn san talamh.
Tha obair-ghlèidhteachais eile ga dèanamh mar phàirt de phròiseact luach £170,000, leithid a bhith a' càradh chlachaireachd agus a' glanadh phlacan-cuimhneachaidh air a bheil fiosrachadh mu ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745.