Sluagh mòr aig coinneimh phrìosain

  • Air fhoillseachadh

Tha comhairle coimhearsnachd ann an Inbhir Nis air iomairt a thòiseachadh an aghaidh phlanaichean prìosan ùr a thogail ann an sgìre Mhuileann an Lèigheis.

Tha Seirbheis Phrìosan na h-Alba ag ràdh gu bheil iad an dùil cead-dealbhachaidh iarraidh as t-samhradh.

Bhiodh HMP Highland a' dol an àite Phrìosain Phorterfield ann am meadhan a' bhaile, a tha 112 bhliadhna de dh'aois, agus air fear de na prìosain as bige agus as sine an Alba.

Tha Comhairle Choimhearsnachd Ceann a Deas Inbhir Nis air cur an aghaidh am prìosan a thogail air talamh àitich air oir Bhaile Mhuileann an Lèigheis.

Cus Phrìosanach

Nochd còrr air 300 duine aig coinneimh a chùm a' chomhairle coimhearsnachd oidhche Luain.

Thuirt iar-chathraiche na buidhne, Ridseard Crawford, gun robh an àireamh a nochd a' riochdachadh 10% de mhuinntir na sgìre.

"'S e moladh a th' ann aig an ìre seo, agus bu mhath leinne stad a chur air a bhith a' dol air adhart gu ìre dhealbhachaidh," thuirt e.

Thuirt Mgr Crawford gu bheil gu meadhan na h-Ògmhìos aig a' chomhairle choimhearsnachd gus taic a thogail dhan iomairt aca, agus dùil aig Seirbheis Phrìosan na h-Alba an uairsin cead-dealbhachaidh iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd.

Mhol Seirbheis Phrìosan na h-Alba ionad taic teaghlaich agus goireas measgachaidh coimhearsnachd a thogail do phrìosanaich, mar phàirt den phrìosan ùr.

Fearann

Dh'innis a' bhuidheann o chionn seachd bliadhna gun robh iad an dùil prìosan ùr a thogail ann an Inbhir Nis.

Ann an 2010, chaidh innse dhaibh nach b' urrainn dhaibh prìosan ùr a thogail air fearann aig Campas Inbhir Nis ann an sgìre an Fhaidhbhilich.

Bha iad air a bhith a' bruidhinn ri uachdaran agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) mu fhearann a cheannach san sgìre sin.

Thuirt HIE gun do bheachdaich iad dha-rìribh air a' phlana, ach nach robh e "a' tighinn a rèir an t-seallaidh aca" airson na làraich."

Tha duilgheadasan air a bhith aig Prìosan Phorterfield ann an Inbhir Nis - far a bheil rùm airson 103 prìosanach - le cus phrìosanach gan cumail ann.

Chan eil cothrom ann am prìosan a leudachadh air an làraich sin.