Deasbad nan Cìsean
- Air fhoillseachadh
Dè bu chòir dhèanamh le cumhachdan cìse?
Cha bu chòir iongnadh a bhith oirnn gur ann mu dheidhinn chìsean a tha tòrr den deasbad aig an taghadh seo.
Mar thoradh air an aonta eadar na pàrtaidhean às dèidh reifrinn 2014, tha cumhachdan ùra air cìsean a' tighinn gu Holyrood.
Bhon ath-bhliadhna, bidh làn smachd aig Pàrlamaid na h-Alba air a' chìs chosnaidh, agus cothrom aig an riaghaltas ùr a chur suas no sìos, no bannan na cìse atharrachadh.
Nochd sgaradh soilleir eadar na pàrtaidhean air a' cheist seo, leis na Làbaraich na Lib Deamaich agus na h-Uainich airson a cur suas, an SNP agus na Tòraidhean an aghaidh sin.
Ach tha ceist nas doimhne na sin - am bi na cumhachdan ùra seo làidir gu leòr airson muinntir na h-Alba a shàsachadh?
Mus faigh sinn air a' cheist sin a fhreagairt, feumar pàrlamaid ùr a thaghadh.