Seirbheis faochaidh san Iochdar ga stad

Thig an t-seirbheis faochaidh aig taigh-cùraim an Uibhist a Deas a stad, a rèir a' charthannais Tagsa Uibhist.

Bha cùram ceithir uairean fichead - rè ùine - ri fhaighinn do dhithis aig taigh-cùraim Doigheag anns an Iochdar, ach b' ann ainneamh a bhiodh dithis ann aig an aon àm.

Mar as trice cha robh ann ach aon duine aig an aon àm, agus a rèir manaidseir nan seirbheisean cùraim aig Tagsa Uibhist, Cathy Mhàrtainn, bha sin gu math cosgail dhaibh.

"Sin an duilgheadas a bh' ann, bha sinn a' dol bho mhìos gu mìos agus cha robh fios againn an robh duine gu bhith a-staigh againn," thuirt i.

Tha Tagsa Uibhist a-nis a' lorg dhòighean eile air feum a dhèanamh den taigh-chùraim do dhaoine anns an sgìre.

Tha iad a' beachdachadh cùram là, air an neo cùram làn-ùine, a thoirt seachad.

"Tha sinn a' coimhead air feum a chur air an togalach, air an dachaigh, air sàilleibh chuir sinn tòrr airgid ann, chuir sinn air dòigh e agus bha leithid a dh'ùpraid ann mu dheidhinn.

"Chan fhàg sinn falamh idir e.

"Tachraidh rudeigin, cha bhi ann ach diofar sheirbheis," thuirt Cathy Mhàrtainn.

Tha Tagsa Uibhist a-nis an sàs ann a bhith a' cur air falbh thagraichean airson seirbheis eadar dhealaichte a chur dhan taigh agus thuirt iad gun robh iad misneachail gum faigheadh iad taic-airgid airson an cuideachadh le sin.