Ìmpidh air Coimisean na Croitearachd

Col Uarach Image copyright Donald Lawson/Geograph

Feumaidh Coimisean na Croitearachd innse dè th' aca an aghaidh na comataidh ionaltraidh ann an Col Uarach ann an Leòdhas, a rèir fhir de chomhairlichean na sgìre.

Tha an Coimisean air a' chomataidh a chur ma sgaoil, agus iad mì-thoilichte le sgrùdadh ionmhais a fhuair iad bhuapa.

Ach thuirt an Comh. John A. MacÌomhair, gu bheil an t-ionmhas ceart, agus, a rèir coltais, tha an coimisean ceàrr agus a' cur croitearachd ann an cunnart.

"'S e suidheachadh a tha seo, chan ann dìreach a-mhàin ann an Leòdhas no sna h-Eileanan a tha e a' dol a bhualadh," thuirt e.

Còig bliadhna

"Buailidh e air àiteachan croitearachd sam bith, air feadh Alba gu lèir.

"Mura seas sinn an-àirde, a dh'fhaighinn a-mach carson dìreach a thachair an rud a thachair ann an seo, tha cunnart ann nach bi coimhearsnachd ann airson chomataidhean ionaltraidh.

"Dh'iarrainn-sa a' chomataidh a tha seo a chur air ais far an robh iad, far am bu chòir dhaibh a bhith.

"Gus an tachair sin, cha bhi rian anns an àite," thuirt e.

Tha comhairliche eile leis an do choinnich na croitearan Dimàirt, Tormod MacLeòid, ag ràdh gum feumar a' chùis seo a rèiteach san aithghearrachd.

"Feumar an suidheachadh a rèiteach. Chan urrainn dhan dàrna taobh a ràdh "tha sibh a-mach às oifis" agus gun fiosrachadh a thoirt seachad," thuirt e.

"Tha còir aca fiosrachadh a thoirt dha na daoine, airson bidh an sgìre gu lèir a' gabhail uabhais carson a chaidh an cur a-mach.

"Ma tha adhbharan ann airson an cur a-mach, feumaidh fios a bhith aig daoine carson a chaidh an cur a-mach.

"Bhathas ag iarraidh orra fios a thoirt dhaibh airson còig nithean, agus pàirt dheth sin 's e taobh ionmhais - an t-ionmhas a bha iad a' toirt a-steach 's a' cur a-mach.

"Dh'iarr iad orra an toiseach airson aon bhliadhna.

"Thug iad dhaibh sin, 's thàinig iad air ais ag ràdh "tha sinn ag iarraidh fiosrachaidh airson nan còig bliadhna mu dheireadh".

"Chaidh iad gu cunntasairean - companaidh a tha aithinichte, mòr, ann an Steòrnabhagh, 's tha bho chionn iomadach bliadhna, agus rinn iadsan cunntasan dhaibh airson nan còig bliadhna a bha sin, agus bha iadsan riaraichte.

"Deacaireachd"

"So chaidh am fiosrachadh gu lèir a bha sin a chur thuca.

"'S an dèidh sin thàinig iad air ais ag ràdh "chan eil sibh gu bhith ann an oifis tuilleadh".

"Nise chan eil sin ceart ann an dòigh sam bith.

"Ma tha iadsan gu bhith a' riaghladh a rèir a' cho-dhùnaidh a rinn iad an seo, cha bhi bith-beò ann. Cha bhi comataidh ionaltraidh ann. Cha bhi duine ann a sheasas.

"Carson a ghabhadh duine sam bith ùine airson a bhith a' dèiligeadh ri rudan airson maith na coimhearsnachd, ma tha thu aig deireadh an là gu bhith air do chur a-mach às, 's gun fhios agad nach do rinn thu càil ceàrr?

"Chan eil duine sam bith a dh'fhuiricheadh ann an suidheachadh den t-seòrsa sin.

"Chan eil càil an sin ach deacaireachd.

"Feumaidh an rud a dhèanamh ceart, agus an àite an rud a bhith a' leantainn mar a tha, bhiodh e math nam faigheadh a h-uile duine timcheall air an aon bhòrd, agus cuideigin gu tur neo-eisimeileach a bhith ann, 's gum faigheadh sinn air seo a chur ceart.

"Ma thig e a-mach aig deireadh an là, gun do rinn iad rud ceàrr 's gu bheil còir aca falbh, tha mise a' creidsinn gun dèanadh iad sin.

"Ach a rèir an fhiosrachaidh a thathas a' toirt a-mach an-dràsta, cha do rinn iad càil ceàrr," thuirt e.

Tha Coimisean na Croitearachd air innse rona seo nach toir iad beachd seachad air cùis bheò.

Tuilleadh air an sgeulachd seo