Dragh mu bhusaichean an Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Bus ann an UibhistTùs an deilbh, Richard Webb/Geograph

Tha dòchas ann an Uibhist gun coinnich Comataidh Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar ri muinntir na sgìre an ath-sheachdain, agus dragh ann mu sheirbheis ùir nam busaichean.

Tha gearainean ann nach eil an clàr-ama neo na busaichean fhèin freagarrach.

'S ann an dèidh co-chomhairle phoblaich a chaidh an t-seirbheis ùr a dhealbh ach le glè bheag de dhaoine a' cur bheachdan ris a' cho-chomhairle tha ceist ann mu cho math 's a dh'obraich sin.

"Tha mi a' smaoineachadh gun do dh'obraich e gu ìre. 'S e dòigh ùr obrachadh a tha seo gun teagamh," thuirt an Comh. Uisdean Robasdan.

Turasachd

"Chaidh tòrr co-chomhairleachaidh a dhèanamh anns an sgìre seo thairis air grunn sheachdainnean, ach, mar a tha a' tachairt tòrr den ùine, cha d' fhuair iad na h-uiread a-mach 's a dh' iarradh.

"Tha a' Chomhairle air tòrr ionnsachadh a-mach às seo, agus tha a' choimhearsnachd fhèin, chanainn, air tòrr ionnsachadh às.

"Chan urrainn dhomh a ràdh gu bheil a h-uile dad cho math 's a dh'iarramaid, ach tha an cùmhnant a tha seo caran sùbailte.

"Ma tha rudeigin nach eil ag obrachadh cho math, gabhaidh rudeigin dèanamh mu dheidhinn meadhanach sgiobalta.

"Tha e gu math soilleir nach do thuig daoine cho cudromach 's a bha e pàirt a ghabhail sa cho-chomhairle a bha seo," thuirt e.

Busaichean làn

Am measg nan gearainnean a thog daoine, tha gu bheil amannan ann a tha na busaichean làn, agus gur dòcha gu bheil na busaichean thathar a' cleachdadh ro bheag - fiù 's gun seusan na turasachd air tòiseachadh.

"Chuir e iongnadh orm a chluinntinn gun robh busaichean làn mar thà, feumaidh mi a ràdh," thuirt an Comh. Robasdan.

"An gearain a th' ann fad an t-siubhail "carson a bha na busaichean mòra a tha siud a' ruith air feadh an àite anns a' chùmhnant mu dheireadh?"

"Sin agad aon de na rudan a tha sinn air a chur air beulaibh na Comhairle, 's e dè cho sùbailte 's a tha an cùmhnant a thaobh nan iarrtasan a bhios ann 's dòcha nuair a thig luchd-turais.

"Aig deireadh an là feumaidh sinn a dhèanamh cinnteach gu bheil prìomhachas aig an fheadhainn a tha a' fuireach san àite 's ag obair 's a' cur feum air na busaichean.

"Ach aig an aon àm feumaidh sinn fhaicinn gu bheil feum mòr aig an eaconamaidh againn air luchd-turais cuideachd," thuirt e.

Tha an Comh. Robasdan a' moladh do dhaoine aig a bheil duilgheadasan an-dràsta, bruidhinn ris na comhairlichean aca, no ri Roinn nan Seirbheisean Teicnigeach aig a' Chomhairle ann an Steòrnabhagh.

"Tha sinn a' cumail sùil gu math geur air seo, agus tha fhios agam, le beagan obrach, gun urrainn dhuinn seirbheis mhath dha-rìribh a thoirt seachad," thuirt e.