Co-chomhairle mu sgeama dìon thuiltean

Tuiltean ann an Inbhir Nis Image copyright Northpix

Thathas ag iarraidh air muinntir Chùil Lodair agus Baile Ghobhainn air iomall Inbhir Nis am beachd a thoirt seachad air an ìre mu dheireadh de sgeama dìon thuiltean ionadail.

Tha tuiltean air fìor-dhroch bhuaidh a thoirt air an sgìre sna bliadhnachan mu dheireadh.

Ann an 2011 bhàsaich fireannach 's e a' feuchainn ri cùlbhart a ghlanadh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-nis a' moladh lochain a chruthachadh a ghabhas uisge a bharrachd nuair a bhios tuiltean ann.

Thathas cuideachd a' moladh leasachaidhean a dhèanamh airson uisge a thoirt air falbh bho sgìrean ann an dòigh nas èifeachdaiche.

Bidh Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh bheachdan air na planaichean gus an 24mh den Chèitean.

Gainnead ùine

Ach thuirt Cathraiche Comhairle Choimhearsnachd Bhaile Ghobhainn agus Chùil Lodair, Dàibhidh McGrath, nach eil ùine gu leòr ann an sin airson beachd ceart a thoirt seachad.

"Shaoileadh tu gum biodh a' Chomhairle air rabhadh de mhìos a thoirt dhuinn gun robh an co-luadar a' dol a thòiseachadh.

"Feumaidh buidhnean ionadail coinneamhan a chur air dòigh 'son a' chùis a dheasbad agus bidh e gu math duilich dhaibh measadh ceart a dhèanamh agus a chur air adhart san ùine a tha air a cur rompa," thuirt Mgr McGrath.

Thòisich a' cho-chomhairle air an 26mh den Ghiblean agus bidh seisean poblach ann Diciadain an 4mh den Chèitean ann an Eaglais Shaor Bhaile Ghobhainn eadar 12:30f - 7:30f airson cothrom a thoirt do dhaoine na molaidhean fhaicinn.

Gheibhear cothrom cuideachd na planaichean fhaicinn aig prìomh oifis na Comhairle air Rathad Ghleann Urchadain agus ann an leabharlann Chùil Lodair.

Bidh iad ann an sin fhad 's a tha a' cho-chomhairle a' dol air adhart.

Tuilleadh air an sgeulachd seo