Freumhan domhainn

Is iad na Làbaraich am pàrtaidh mu dheireadh gus manifesto a chur air bhog.

Gun ach seachdainn air fhàgail mus tèid Albannaich do na h-ionadan-bhòtaidh, feumaidh dòchas a bhith aig Kezia Dugdale is a càirdean gu bheil daoine gu leòr air fhàgail nach do rompha mar bhòtas iad fhathast diofar a dhèanamh.

Air an àrd-ùrlar ann an Dùn Èideann an-diugh dhearbh an ceannard as ùir aca cò air a tha iad ag amas.

Chum Ms Dugdale a-mach gun robh foillseachan an latha an-diugh a' toirt a' phàrtaidh "air ais do na freumhan" aca.

Ma tha am pàrtaidh anns an staing an-dràsta, tha sin a chionn 's gun do thrèig tòrr luchd-taic traidiseanta iad airson an SNP anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh.

An-diugh, dh'fheuch Kezia Dudgale rim faighinn air ais.

Aire

Tha am foillseachan seo a' cur an cèill na h-oidhirp aig Kezia Dudgale am pàrtaidh a thoirt don làimh chlì, no co-dhiù nas fhaide don làimh chlì nan SNP.

Mar sin tha e a' cur an aghaidh ùrachadh Thrident, fhad 's gun tèid gach cosnadh a tha ceangailte ris a ghlèidheadh agus ged nach do chuir am pàrtaidh roimhe aig ìre na Rìoghachd Aonaichte dè bu chòir dhaibh dèanamh leis.

Tha barrachd soilleireachd aca air fracadh, agus na Làbaraich ag ràdh gu bheil na aghaidh gu tur agus riaghaltas an SNP a' feitheamh air toradh rannsachaidh.

Air cìsean cuideachd, cuspair a fhuair tòrr aire tron iomairt seo, tha am foillseachan seo a' cur a' phàrtaidh air chlì nan nàiseantach agus iad ag ràdh gun cuireadh iad sgillin air a' chìs teachd-a-steach airson gearraidhean a sheachnadh.

Gu dearbh, tha na Làbaraich a' dèanamh atharrais air iomairt an SNP an-uiridh, le gealltanas gum cuireadh iadsan an aghaidh cruais George Osborne le gnìomhan seach faclan a-mhàin.

Mar phàirt dhe sin, geallaidh am manifesto gun deigheadh an t-airgead airson slàinte, foghlaim agus nam poileas uile a dhìon.

Duilgheadas

Tha gu leòr an seo a chòrdas ri seann luchd-taic nan Làbarach - no ri luchd-taic nan seann Làbarach.

Mas domhainn freumhan a' phàrtaidh seo, tha freumhan an duilgheadais ach domhainn cuideachd.

Cha do thòisich Albannaich na Làbaraich a thrèigsinn ann an 2014 ach co-dhiù fichead bliadhna roimhe sin.

B' ann às dèidh bàs Iain Mac a' Ghobhainn ann an 1994 a thòisich linn nan Nua-Làbarach fo stiùir dithis Albannach eile, Tony Blair agus Gordon Brown.

Ged a bhòt Albannaich airson a' phàrtaidh - aig Holyrood gu 2007 agus aig Westminster gu 2014 - dh'fhàs luchd-taic dualchasach a' phàrtaidh an-fhoiseil gu math tràth.

Chrìon an taic sin mean air mhean gus an tàinig mòr-thubaist Iraq agus eadar 2011 agus 2014 cha mhòr nach do dh'fhalbh e uile gu lèir.

Tionndadh

O thòisich i na ceannard an ath-bhliadhna tha Kezia Dugdale air a bhith a' feuchainn ri cùl a chur ris na bliadhnaichean sin, nuair a bha am pàrtaidh air leth soirbheachail aig na bogsaichean-baileit ach nuair a dh'fhàs e - na beachd fhèin is coltach - air falbh bho na freumhan aige.

Air air seirbhisean poblach, air cìsean, air dìon na rìoghachd agus air an àrainneachd, is urrainn dhi cumail a-mach gu bheil foillseachan an latha an-diugh gan tionndadh air ais thuca.

Ach, ged a bu toil leotha gu mòr e, cha ghabh ceist na bun-reachd a sheachnadh.

Air a' cheist sin, tha am manifesto a' cur seasamh nan Làbarach ann an dubh agus geal - tha iad an aghaidh reifrinn eile tron ath phàrlamaid.

Is e an trioblaid gu bheil gun do bhòt tòrr den fheadhainn a thrèig airson neo-eisimeileachd ann an 2014.

A-nis feumaidh iad - feumaidh a h-uile duine - an roghainn aca a dhèanamh.