Tuilleadh buairidh mu chomataidhean ionaltraidh

  • Air fhoillseachadh
Caoraich

Tha croitearachd ann an cunnart a dhol à bith ri linn cho-dhùnaidhean Choimisein na Croitearachd, a rèir chroitearan ann am Mangarstadh ann an Leòdhas a bha nam buill air comataidh ionaltraidh a' bhaile, mus deach an cur a-mach às oifis leis a' Choimisean.

Rinn an Coimisean co-dhùnadh ann am fàbhar chroiteir gun robh e airidh air roinn de dh'airgid na comataidh ionaltraidh.

Ged a chaidh a' chomataidh leis a' cho-dhùnadh, agus ged a phàigh iad an t-suim a chaidh iarraidh orra a phàigheadh, chaidh connstabal ionaltraidh a chur an àite na comataidh san Dùbhlachd an-uiridh.

Thòisich am buaireadh mu sheachd bliadhna air ais nuair a chaidh fear aig an robh croit sa bhaile, ach nach robh air a bhith a' fuireach san sgìre fad bhliadhnaichean, dhan chomataidh ag ràdh gun robh e airidh air airgead na comataidh ionaltraidh, leithid airgead feu agus airgead bho thabhartasan.

Cha robh a' chomataidh ro dheònach sin a dhèanamh, agus às dèidh ùine b' fheudar dhan seann Choimisean Croitearachd a thighinn a-steach airson riaghladh a dhèanamh.

Cho-dhùin iadsan ann an 2012 gum feumadh a' chomataidh ionaltraidh £65 a phàigheadh bho theachd a-steach feu a' bhaile.

Chuir a' chomataidh sin dhan duine, ach dhiùlt e an seic agus thill e an seic thuca.

Chaidh a' chùis an uair sin mu choinneimh a' Choimisein ùir anns a' Mhàirt 2014.

Dearbhadh

An turas seo cho-dhùin an Coimisean, gun robh an croitear airidh air roinn de dh'airgead na comataidh air fad agus dh'iarr e orra £1,749 a phàigheadh.

Rinn iad sin, ach chaidh an seic a chur air ais thuca.

Thuirt a' chomataidh ionaltraidh gun d' fhuair iad litir bhon Choimisean san t-Samhain 2015 's iad a' sireadh dearbhaidh gun do rinn iad na chaidh iarraidh orra aig coinneimh sa Mhàrt 2014.

Rinn iad sin, tha iad ag ràdh, ach mìos às a dhèidh, san Dùbhlachd 2015, fhuair buill na Comataidh ionaltraidh air fad litrichean bhon Choimisean ag innse dhaibh gun robhas gan cur a-mach às oifis agus gun robh connstabal ionaltraidh ga chur an àite na comataidh.

Thuirt na croitearan gun robh na litrichean a' dèanamh soilleir dhaibh nach robh cothrom aca tagradh a dhèanamh an aghaidh sin.

Chaidh iarraidh air a' chonnstabal ionaltraidh, a tha stèidhichte ann an Earra-Ghàidheal, sgrùdadh a dhèanamh air na thachair, agus thathas fhathast a' feitheamh ri co-dhùnadh an sgrùdaidh sin.

Buille bàis

Thuirt croitearan Mhangarstaidh gun do bhruidhinn iad a-mach mun chùis an dèidh dhan bhuaireadh eadar comataidh ionaltraidh Chuil Uaraich ann an Leòdhas agus Coimisean na Croitearachd togail ceann an t-seachdain a chaidh.

Chuir an Coimisean a' chomataidh ionaltraidh sin ma sgaoil an dèidh eas-aonta le croitear sa bhaile.

Chuir comataidh ionaltraidh Chuil Uairaich às leth a' Choimisein gun do chuir iad na buill às oifis mar dhìolghaltas air mar a ghearain iad mun dòigh a làimhsich Fear-Gairm a' Choimisein, coinneamh sa bhaile san t-Samhain an-uiridh.

Tha croitearan Mhangarstaidh ag ràdh gu bheil an suidheachadh aca-san a' togail cheist mun dòigh 's a bheil comataidhean ionaltraidh gan ruith.

Tha iad ag ràdh gum biodh a h-uile comataidh ionaltraidh banca-briste nam biodh cothrom aig a h-uile màladair tagradh a dhèanamh airson airgid bho shuimean a bha a' chomataidh air fhaighinn airson phròiseactan àiteachais sa bhaile agus airson an ionaltradh a chumail aig ìre.

Thuirt iad gu bheil co-dhunadh a' Choimisein a' toirt orra airgead a roinn a-mach gus nach bi airgead aca air fhàgail aig deireadh na bliadhna-ionmhais, rud a bhiodh na bhuille bàis do chroitearachd, tha iad ag ràdh.

Cha tuirt an Coimisean càil fhathast mu shuidheachadh chroitearan Mhangarstaidh, ach nuair a chaidh beachd iarraidh air na thachair ann an Col Uarach thuirt iad nach robh iad airson càil a ràdh mu chùisean a bha a' leantainn.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e gnothach a bha seo airson a' Choimisein a-mhàin.