Òrdugh smachdachaidh an Drochaid Charra

Poilis agus luchd-smàlaidh aig an taigh-òsta

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gun deach òrdugh smachdachaidh a chur air an fheadhainn leis a bheil taigh-òsta ann an Srath Spè far an robh gas ag aodion an t-seachdain seo chaidh.

Thugadh ceathar aoighean a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir, agus b' fheudar 90 duine eile a thoirt a-mach à Taigh-Òsta Dhrochaid Charra, agus amharas ann gun robh gas càrbon aon-ocasaid air faighinn ma sgaoil ann Diardaoin seo chaidh.

Dh'òrdaich Oifigearan Slàinte Àrainneachail a th' air a bhith a' rannsachadh na thachair, nach deadh goileadair a bha a' losgadh fiodha a chleachdadh.

Tha iad ag ràdh gur ann mar oidhirp air cunnart a sheachnadh a tha seo, gun cinnt ann fhathast co-dhiù b' e an goileadair a dh'adhbharaich an aodion gas.

Feumaidh ceithir seòmraichean san taigh-òsta cuideachd fuireach falamh.