Duaisean air fàire do ghnothachasan Uibhisteach

  • Air fhoillseachadh
UibhistTùs an deilbh, Catherine Morgan/Geograph

Tha dà ghnothachas às Uibhist anns na cuairtean deireannach aig duaisean bìdhe agus tuathanachais a' BhBC oidhche Ardaoin.

Chaidh bùth MhicIllinnein ann am Beinn nam Fadhla a chur air adhart san roinn airson na bùtha as fheàrr.

Agus, tha Taigh-smocaidh Innse Gall ann an Uibhist a Tuath san roinn airson feadhainn a bhios a' dèanamh bìdhe.

'S e luchd-ceannaich a th' air am moladh agus iad den bheachd gu bheil iad airidh air na duaisean seo.

Chaidh na duaisean a chur air dòigh ann an 2000 mar chomharrachadh air 20 bliadhna den Food Programme air BBC Rèidio 4.

Aig toiseach gach bliadhna, bidh am prògram ag iarraidh air daoine molaidhean a chur thuca airson naoi roinnean nan duaisean, nam measg còcaire na bliadhna; am biadh sràide as fheàrr agus gaisgeach tuathanachais Countryfile.

Tha an dà ghnothachas ann an Uibhist a' nochdadh anns na roinnean Reiceadair Bìdhe as Fheàrr, agus Dèanadair Bìdhe as Fheàrr.

Gheibh trì gnothachasan chun na cuairt deireannaich anns gach roinn.

Thèid an fheadhainn a bhuannaich na duaisean ainmeachadh oidhche Ardaoin aig cuirm ann am Bristol.

A' farpais ri Bùth MhicIllInnein airson duais an Reiceadair Bìdhe as Fheàrr, tha bùth tuathanais agus cafaidh ann an Siorrachd York air a bheil Fodder agus bùth ann an àite iomallach ann an Siorrachd Hereford air a bheil Almeley.

A' farpais ri Taigh-smocaidh Innse Gall, tha teaghlach ann an Cheshire a th' air a bhith a' dèanamh càise de bhainne a' chruidh aca fhèin bhon 18mh linn, agus companaidh ann an Carmarthenshire anns a' Chuimrigh a bhios a' cleachdadh feòil muice air a sailleadh, bho sheòrsaichean muice dùthchasach Cuimreach airson leithid isbeannan chorizo a dhèanamh agus eile.