Duais chliùiteach do Sgitheanach òg
- Air fhoillseachadh

Bhuainnaich Brìghde Chaimbeul, a bhios a' cluiche na pìoba bige, duais Tuath-cheòladair Òg na Bliadhna aig Duaisean Tuath-chiùil BhBC Rèidio 2 aig Talla Rìoghail Albert ann an Lunnainn oidhche Chiadain.
Tha Brìghde, a bhuineas dhan Eilean Sgitheanach, agus aig a bheil ceanglaichean làidir cuideachd ri Uibhist a Deas, na sgoilear aig Sgoil Chiùil Naomh Moire ann an Dùn Èideann.
Chaidh an duais a bhuileachadh air Brìghde leis a' phìobaire Northumbrianach ainmeil, Kathryn Tickell.
Rinn Brìghde a' chùis air a' Chauseway Trio, Jack Cookson agus Benammi Swift.