Cuireadh do Choimisean na Croitearachd

Baile Croitearachd

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar air Coimisean na Croitearachd a thighinn a bhruidhinn ri Comataidh Chroitearachd an ùghdarais mun adhbhar a chuir iad dà chomataidh ionaltraidh ann an Leòdhas ma sgaoil.

Thuirt ceannardan na Comhairle nach eil iad airson taobh seach taobh a ghabhail anns na cùisean fa-leth, ach bruidhinn air a' bhuaidh a tha co-dhùnaidhean a' Choimisein air croitearachd san fharsainneachd.

Chuir an Coimisean comataidhean ionaltraidh ann an Col Uarach agus Mangurstadh ann an Leòdhas ma sgaoil ri linn chasaidean nach robh iad a' leantainn riaghailtean na croitearachd.

Thuirt croitearan Chuil Uaraich gur ann a' sireadh dìoghaltais an dèidh dhaibh càineadh fhaighinn bhon chomataidh a bha an Coimisean, is thuirt comataidh Mhangurstaidh gum faodadh co-dhùnadh a' Choimisein cur às do chroitearachd air a' cheann thall.

Thuirt an Coimisean nach bi iad ag ràdh càil mu chùisean a tha fhathast a' leantainn.

Thug Comhairle nan Eilean Siar cuireadh don Choimisean gu coinneimh shònraichte de Chomataidh Croitearachd na Comhairle.

Tha seo a' tighinn às dèidh coinneimh eadar a' Chomhairle is riochdairean chroitearan, is tuigse ann cuideachd gun tèid oidhirp a dhèanamh coinneachadh ri comhairlean eile far a bheil sgìrean croitearachd airson a' chùis a dheasbad.

Thuirt Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gu bheil co-dhùnaidhean a' Choimisein a' toirt buaidh air croitearan gu lèir.

Tuilleadh air an sgeulachd seo