"Bi sgiobalta" 'son ticeadan HebCelt

  • Air fhoillseachadh
HebCeltFest

Tha coltas ann gun tèid an ìre mhath a h-uile ticead airson Fèis Cheilteach Innse Gall na bliadhna seo a reic.

'S e Runrig a bhios a' faighinn prìomh àite na bliadhna seo, agus tha sin air ùidh mhòr a thogail leis gun tuirt iad nach eil iad an dùil an còrr de chlàran stiùdio a thoirt a-mach, ged a dh'fhaodadh iad fhathast cluiche beò.

Agus tha an Fhèis gu bhith ann am meadhan samhraidh thrang dha rìribh airson baile Steòrnabhaigh.

"Tha sinn air a bhith a' reic thiceadan bho thoiseach na bliadhna, agus tha sinn a' tighinn faisg air iad uile a reic a dh'aithghearr," thuirt Murchadh MacIllinnein, fear de stiùirichean na Fèise.

"So 's e a' chomhairle a bheirinn do dhuine sam bith nach eil air ticeadan a cheannach a bhith gu math sgiobalta.

"Tha sinn cho toilichte, air a' bhliadhna shònraichte a bh' aig Runrig, gu bheil iad againn.

"Tha iadsan a' dèanamh turais air feadh na Roinn Eòrpa am-bliadhna, 's tha sinne gu bhith mar phàirt den turas shònraichte a tha sin.

"Dha-rìribh, tha iadsan a' dèanamh diofair mhòr dhan reic againn.

"Mar a tha an fhèis air fàs, tha sinn air a bhith a' leudachadh timcheall na fèise air an iomall 's ann am meadhan a' bhaile, a' dol a-mach dha na coimhearsnachdan airson gum bi cùisean a' tachairt tron là, agus anns a' Ghearraidh Chruaidh, tron t-seachdain bho thòisicheas an fhèis Diardaoin a tha sin.

"Bidh rudan againn mar siorcas, 's bidh stàlaichean bìdhe is ciùird is rudan mar sin.

"Rudan a tha tarraingeach dha luchd-tadhail a bhios a' tighinn dhan eilean, 's dòcha 'son a' chiad turais, agus bheir sin dhaibh beagan blais den bhiadh a tha sna h-eileanan, agus cuideachd tha e math airson coinneachadh dhaoine.

"Tha sinn a' faicinn feadhainn a' tighinn air ais dhan eilean a h-uile samhradh, agus tha teaghlaichean a bhuineas dhan eilean a' coinneachadh ri caraidean nach fhaca iad 's dòcha bhon fhèis mu dheireadh," thuirt e.