Ionad an Fhraoich na smàl

An teine aig Ionad an Fhraoich Image copyright Aaron Sneddon

Tha 40 smàladair air a bhith a' dèiligeadh ri teine mhòr aig Ionad an Fhraoich faisg air Drochaid Thulnain ann an Srath Spè.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 08:20m, agus chuireadh naoi criuthannan smàlaidh ann.

Thugadh comhairle do mhuinntir na sgìre iad fuireach a-staigh, le na dorsan 's na h-uinneagan dùinte, agus mòran toit ag èirigh às an teine.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba gun robh an teine fo smachd, ach gum biodh criuthannan an làthair gu feasgar Dihaoine.

Tha ionad gàirnealaireachd agus taigh-bìdhe an lùib an ionaid, air am bi mòran luchd-turais a' tadhal.

Chan eil na dh'adhbharaich an teine soilleir, agus thathas an dùil gun tòisich rannsachaidh aon uair 's gum bi e sàbhailte sin a dhèanamh.

Bha an teine cho mòr 's gun do dh'iarr an t-seirbheis 20 uidheam analachaidh a bharrachd an àite na chleachd iad tron là.

"Tha na sgiobannan againn air an teine a chuairteachadh air fad, ach tha dùil gum mair an obair a-steach dhan fhionnaraidh," thuirt Robbie MacDhùbhghaill, a tha na mhanaidsear stèisean smàlaidh.

"Sgap an teine gu luath tron togalach agus bha grèim làidir aige mar thà nuair a ràinig na sgiobannan.

"Tha na sgiobannan againn air a bhith ag obair gu math cruaidh gus dìon a chur air togalaichean ri taobh an teine, agus leanaidh iad orra le sin gus am bi cùisean sàbhailte."