Iomairt astair aig na Poilis

Carbad phoilis

Tha Poilis Alba a' tòiseachadh air iomairt a mhaireas fad na seachdaine, feuch stad a chur air dràibhearan bho a bhith a' dol ro luath.

Bithear ag iarraidh air draibhearan a bhith mothachail mun astar aig a bheil iad a' dol ann an oidhirp beatha dhaoine a shàbhaladh.

Bidh oifigearan ag amas air dràibhearan a tha a' dol aig astar ro luath a smachdachadh ach bidh iad cuideachd a' dèanamh cinnteach gun cùm dràibhearan ri riaghailtean astair.

Tha dùil aca cuideachd cothrom a ghabhail bruidhinn ri dràibhearan charbadan, luchd-baidhseagail agus luchd-coiseachd.

Thathar an dòchas aire dhaoine a tharraing gu na cunnartan a tha an lùib a bhith a' dol ro luath agus thairis air casgan-astair sònraichte.

Thuirt ceannard phoileas rathaid Poilis Alba, an t-Àrd-Superintendent Andy Edmonston, gu bheil Poilis Alba an dùil rathaidean na dùthcha a dhèanamh nas sàbhailte agus gu bheil coimhearsnachdan air feadh Alba daonnan ag innse dha na Poilis gu bheil sàbhailteachd rathaid agus cus astair a' dèanamh dragh mhòir dhaibh.

Bidh an iomairt a' dol bho Dhiluain gu 07:00m Diluain seo tighinn.