Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thuirt Rùnaire Stàite Aimeireagaidh, John Kerry, gu bheilear a' dèanamh adhartais 's e ann an Geneva airson chòmhraidhean ann an oidhirp taic a bharrachd fhaotainn do dh'fhois-fhòirneirt ann an Siria. Thuirt Mgr Kerry gur e a phrìomh amas casg a chur air an t-sabaid ann am baile Aleppo ann an ceann a tuath na dùthcha. Chaidh còrr air 250 duine a mharbhadh ann an sin o chionn deich là.

An Louisa

Tha Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara air dearbhadh gun tèid am bàt'-iasgaich, an Louisa, a thogail far ghrunnd na mara ann an oidhirp fuasgladh fhaiginn air dè chaidh ceàrr. Chaill triùir am beatha nuair a chaidh am bàta fodha far chosta Mhiughlaigh o chionn còrr air trì seachdainnean air ais. Fhuaireadh lorg air cuirp dithis den chriutha - Chris Moireasdan às na Hearadh, agus Màrtainn MacIain à Hàcraig. Chan eilear air lorg fhaighinn fhathast air Pòl Alliston à Leòdhas. Fhuair Lachlann Armstrong à Steòrnabhagh às an tubaist le a bheatha agus esan air snàmh gu tìr.

Dùn Dè

Tha na Poilis ann an Dùn Dè ag ràdh gu bheil iad air leth iomagaineach mu nighean aois 14, nach fhacas o Dhihaoine. Chaidh Chloe Allan fhaicinn mu dheireadh ann an sgìre Mill o' Mains den bhaile. Tha i 5'5", tapaidh le falt dubh. Nuair a chaidh Chloe fhaicinn mu dheireadh bha lèine-T striopach ghorm 's geal oirre, agus jeans liath.

Ionad Ceartais Inbhir Nis

Tha Seirbheis Chùirteach is Tribùnalan na h-Alba air tarraing à aonta fearann a cheannach ann an Inbhir Nis far an robhar an dùil ionad ceartais ùr a thogail. Thuirt an SCTS gum b' fheudar dhaibh an t-aonta a chur gu aon taobh seach gun robh rudan nach deach a choileanadh ron cheann-là a chaidh a chur mu seach airson an talamh a cheannach air Rathad Bhurnett ann an Inbhir Nis. Fo na planaichean bhiodh Oifis a' Chrùin, Women's Aid agus Biùro Chomhairleachaidh a' Phobaill am measg nam buidhnean a bhiodh uile anns an aon togalach. Thuirt an t-seirbheis chùirteach gun robh iad a' coimhead air mar a b' urrainn dhaibh fuasgladh fhaighinn air an t-suidheachadh.

Zika

Tha luchd-saidheans ag ràdh gum faodadh gu bheil bhìoras Zika tòrr nas cunnartaiche na bhathar an dùil an toiseach. Thathar air ceangal a dhèanamh eadar am bhìoras agus leanabain a bhith air am breith le cinn a tha mòran nas lugha na tha còir aca a bhith. Ach tha eòlaichean a-nis a' creidsinn gum faodadh gu bheil Zika ag adhbharacahdh tòrr thineasan eanchainne eile.