Corp boireannaich ga lorg
- Published
Chaidh corp boireannaich a lorg air a' chladach ann an Taigh Iain Ghròt ann an Gallaibh.
Dh'iarr na Poilis cuideachadh ann a bhith ag aithneachadh a' bhoireannaich, a tha mu 50 bliadhna de dh'aois.
Bha i geal, meadhanach tapaidh, le falt bàn gu a guailnean.
Bha sgiorta dorcha agus càrdagan burgandaidh oirre.
Chaidh an corp fhaighinn le ball den phoball mu 3:00f Didòmhnaich. Thathas a' dèiligeadh ris a' chùis mar bhàs gun mhìneachadh.
Thathas ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic boireannach air an robh an coltas a chaidh a mhìneachadh san sgìre air an deireadh sheachdain bruidhinn ris na Poilis.