Dàil air ionad ceartais ùr Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Chaidh dàil sna planaichean airson ionad ceartais ùir ann an Inbhir Nis an dèidh do Sheirbheis Cùirt agus Tribiùnalan na h-Alba, an SCTS, tarraing a-mach à plana pìos fearainn a cheannach air Rathad Bhurnett sa bhaile.
Thuirt a' bhuidheann gun robh aca ri coiseachd air falbh bhon aonta leis gun robh cumhaichean ann nach b' urrainnear a choileanadh ron cheann-là airson am fearann a cheannach.
Fon phlana, luach £23M, bhiodh a' chùirt, Oifis a' Chrùin, Cobhair nam Ban, agus Buidheann Comhairleachaidh a' Phobaill uile san aon ionad.
Dh'fhaodadh an dàil sna planaichean buaidh a thoirt air planaichean ionad turasachd a chur ann an Caisteal Inbhir Nis leis gur ann an sin a tha a' chùirt an-dràsta.
Thuirt an SCTS gu bheil iad a-nis a' beachdachadh air roghainnean eile.