Ceann à Ghiùthsaich a-mach à Cupa MhicAmhlaigh

Baile Ùr an t-Slèibh agus Ceann a' Ghiùthsaich

Chuir Baile Ùr an t-Slèibh Ceann a' Ghiùthsaich a-mach às a' chiad chuairt de Chupa MhicAmhlaigh Disathairne 's iad a' buannachadh 2-1.

Thòisich cùisean gu math dha Ceann a' Ghiùthsaich le Crìsdean Hollysong a' faighinn tadhail sa chiad chairteal den gheama.

Ach ro leathach-slighe chuir Evan Menzies agus Crìsdean Sellar tadhal an duine dha Baile Ùr an t-Slèibhe.

Lean duilgheadasan a' Ghearasdain.

A dh'aidhneoin gun d' fhuair Daneil Stiùbhart a' chiad tadhal sa gheama an aghaidh Ceann Loch Seile chaill an sgioba 7-1 air a' cheann thall.

Bha là furasta aig Caol Bhòid cuideachd agus iad a' dèanamh na cùise air Obar Dothair 8-0.

Fhuair Sandaidh MacCoinnich trì tadhail ro leathach-slighe dhaibh-san.

Ghlèidh Dunky Kerr dhà eile agus thàinig tadhal an duine bho Thòmas Whyte, Innes Dòmhnallach agus Ruairidh Dòmhnallach.

Tadhail

Chuirear ochd tadhail cuideachd sa gheama eadar Lòbhat agus Loch Abar.

Mionaid an dèidh dhan dàrna leth tòiseachadh bha Greg MacMhathain air an treas tadhal aige a ghlèidheil dha Lòbhat.

Thòisich na tadhail a' taomadh a-steach an uairsin agus fhuair gach taobh dà thadhal an urra taobh a-staigh seachd mionaidean.

Chrìochnaich an geama sin 5-3 dha Lòbhat, a bha a' cluiche aig an taigh.

Chuir e iongnadh air mòran nuair a chaill Camanachd an Òbain, a tha a' dèanamh gu math sa Prìomh Lìog, ri Inbhir Aora bhon Lìog Nàiseanta 3-2 ann am Mossfield.

Thòisich cùisean gu math nuair a fhuair Uilleam Neilson tadhal dhaibh às dèidh trì mionaidean.

Ach cha robh e fada mus robh an dà sgioba co-ionnan agus Friseal Watt a' glèidheil tadhail dha Inbhir Aora,

Chaidh Inbhir Aora air thoiseach an uairsin le tadhal bho Lewis MacGumaraid.

Bha an dà sgioba co-ionnan a-rithist agus Neilson a' faighinn tadhail eile.

Ach 's iad Inbhir Aora a fhuair buaidh le Ailean Dòmhnallach a' faighinn an aon tadhail a bha san dàrna leth.

Buillean peanais

Bha buillean peanais a dhìth eadar Eilean Bhòid agus Celtic an Obain.

B' e tadhal an urra a bh' ann aig deireadh a' gheama agus cha deach tadhal a chur idir ann an ùine a bharrachd.

Ghlèidh na Bòidich 2-0 air na peanasan.

Tha sgioba ùr aig barr na Lìge Nàiseanta an dèidh dhan Mhanchainn buannachadh 6-1 aig an taigh an aghaidh Inbhir Nis.

Cuideachd le sia puingean san lìog tha Cill Mhàilidh.

Bhuannaich iad-san 2-0 an aghaidh Cabar-fèidh.