Taic a dhìth 'son Mòd nan Eilean Siar

Steòrnabhagh
Image caption Bidh tòrr de na farpaisean agus na cuirmean ann an Steòrnabhagh.

Tha comataidh ionadail Mòd Nàiseanta nan Eilean Siar 2016 a' sireadh dhaoine a bhiodh deònach an cuideachadh gu saor-thoileach fhad 's a tha an fhèis a' dol air adhart as t-Fhoghar.

Bidh am Mòd a' dol eadar 14mh agus an 22mh den Damhair agus tha a' chomataidh a' lorg stiùbhardan airson an cuideachadh tron t-seachdain.

Chan fheumar a bhith ann fad na seachdaine agus thuirt a' chomataidh gum biodh a' cheart uimhir de dh'fhàilte ro dhaoine nach urrainn a bhith ann ach leth là.

Thèid coinneamh fhiosrachaidh a chur air dòigh airson trèanadh a thabhann do dhaoine a tha deònach obair stiùbhaird a dhèanamh.

Thuirt cathraiche na comataidh ionadail, Tormod Dòmhnallach: "Tha an t-uabhas stiùiridh agus obair co-òrdanachaidh a dhìth airson dèanamh cinnteach gu bheil na farpaisean agus tachartasan a' ruith mar a bu chòir.

"Le sin tha sinn ag iarraidh air duine sam bith a tha a' faireachdainn gun urrainn dhaibh ar cuideachadh aig àm a' Mhòid fios a chur thugainn."

Chumar am Mòd sna h-Eileanan an Iar mu dheireadh ann an 2011.

Thathas a' dèanamh dheth gun deach 2,800 de luchd-tadhail a thàladh gu na h-eileanan ri linn agus gun robh 2,500 duine eile às an sgìre aig na farpaisean agus cuirmean.