Co-dhùnadh a' Choimisein "mì-laghail"

Caoraich

Bha co-dhùnadh Choimisein na Croitearachd Connstabal Ionaltraidh a chur an àite Chomataidh Ionaltraidh Mhangurstaidh ann an Leòdhas, mì-laghail, a rèir an fhir-lagha chroitearachd, Brian Inkster, a tha a' riochdachadh nan daoine a bha roimhe nam buill den chomataidh.

Tha Mgr Inkster cuideachd ag ràdh nach robh còir aig a' Choimisean gnothach a ghabhail ris an eas-aonta ann am Mangurstadh, leis gur ann co-cheangailte ri ionmhas a bha e.

Chaidh Comataidh Ionaltraidh Mhangarstaidh a chur às oifis san Dùbhlachd às dèidh dhan Choimisean mì-thoileachas a nochdadh san dòigh san do dhèilig iad ri croitear a bha ag iarraidh a roinn fhèin de theachd-a-steach na comataidh.

Tha a' chomataidh ag ràdh nach deach dèiligeadh riutha ann an dòigh a bha idir cothromach, agus tha iad air Mgr Inkster fhastadh gus a' chùis aca a chur air adhart.

Tha esan den bheachd gun robh na rinn an Coimisean an aghaidh an lagha.

Gu h-àraid gun do chuir iad an sàs Connstabal Ionaltraidh sa bhaile às dèidh dhaibh a' chomataidh a chur às oifis nuair, a rèir Mhgr Inkster, nach robh cumhachd aca sin a dhèanamh.

Ann an litir chun a' Chomisein tha e air iarraidh orra a' chomataidh a chur air ais ann an oifis.

Thuige seo thuirt an Coimisean nach bruidhinn iad air cùisean a tha beò.