Seirbheis ùr Heathrow ga tòiseachadh

Port-Adhair Inbhir Nis Image copyright John Allan/Geograph

Tòisichidh seirbheis ùr eadar Port-Adhair Heathrow agus Inbhir Nis Dimàirt, a' chiad turas ann an cha-mhòr 20 bliadhna a tha ceangal air a bhith eadar an dà phort-adhair.

Thathas an dòchas gun neartaich an t-slighe ùr eaconamaidh Inbhir Nis, 's Heathrow am measg nam prìomh ionadan còmhdhail san t-saoghail.

Bho Dhimàirt, bidh seirbheis làitheil ann eadar an dà phort-adhair, agus dùil gum fàg a' chiad itealan Heathrow goirid ro 10:00m.

Thèid fàilte mhòr a chur air nuair a ruigeas e Inbhir Nis - nì luchd-smàlaidh a' phuirt-adhair bogha-uisge agus coinnichidh riochdairean bho leithid Comhairle na Gàidhealtachd ri daoine a tha a' tighinn far an itealain.

Bha British Airways a' ruith seirbheis eadar Heathrow is Inbhir Nis roimhe ach stad sin ann an 1997, rud a bha gu math connspaideach aig an àm.

Bhon uair sin, tha iomairt air a bhith ann gus an t-seirbheis a thòiseachadh às ùr.

Thathas an dòchas gun dèan e feum do ghnìomhachasan ionadail, ach cuideachd do dhaoine anns an sgìre a tha airson a siubhail a dh'iomadach àite air feadh an t-saoghail.