Obraichean agus foghlam an iomart an taghaidh
- Air fhoillseachadh

B' e obraichean agus foghlam a bha fainear do na ceannardan poileataigeach ann an iomairt an taghaidh Dimàirt.
Bha Ceannard Albannach nan Lib Deamach Uilleam Rennie aig raon meabh-ghoilf ann an Rinn Friù a' taisbeanadh phlanaichean a' phàrtaidh airson am measg eile, an t-seirbheis slàinte agus foghlam.
Dhan SNP bha Nicola Sturgeon ann an Obar Dheathain a' coinneachadh ri ceannardan gnìomhachais.
Bha Ceannard Albannach nan Làbarach Kezia Dugdale a-mach air slàinte an diugh.
Bha ceannard nan Tòraidheach Ruth Davidson a' siubhal eadar an Oban is Ceann Phàdraig ann an heileacoptair .
Foghlam
A thaobh foghlaim, thuirt Maighstear Rennie gun cuireadh iad sgillinn air gach bann de chìs an teachd a-steach airson tuilleadh is £500m a bharrachd a thogail airson foghlam.
Thuirt e gur e "...na daoine againn an goireas as fhèarr a th'ann agus mas urrainn dhuinn taic is airgead a chur an sàs son sgilean a thoirt dhaibh, an trèanadh agus foghlam a thoirt dhaibh, gum biodh sin a' tarraing chompanaidhean bho air feadh an t-saoghail son brath a ghabhail air na tàlantan sin."
Agus mhol e "sgillinn bheag air a' chìs-cosnaidh son an eaconamaidh a bhrosnachadh."
Slàinte
Bha Nicola Sturgeon a' bruidhinn air planaichean a' phàrtaidh airson £500m a bharrachd thairis air ìre na h-atmhorachd a chosg air slàinte.
Ach 's e mì-chinnt mu referendum eile air neo-eisimeileachd ma thèid an SNP a thaghadh mar an ath riaghaltas a tha gu tric ga thogail san iomairt seo.
"Cha bhi Alba na dùthaich neo-eisimeilich ach nuair a bhios a' mhòr-chuid de dhaoine ag iarraidh sin." thuirt i.
"Anns an taghadh seo tha mise a' bruidhinn air na planaichean againn son airgead a chur ann an seirbheis na slàinte agus crathadh a thoirt air na dòighean anns an tèid cùram a thoirt seachad."
Cìs teachd a-steach
A-rithist thuirt Kezia Dugdale gun cosg iad na thèid fhaighinn bho chìs teachd a-steach nas aìrde air slàinte agus gach seirbheis eile a dhìon.
"Tha sinn air gealladh £2b a bharrach a chosg air slàinte." thuirt Ceannard nan Làbarach.
"Tha na planaichean againn son airgead a chost co-ionnan ris an SNP. 'S e an aon diofar gu bheil sinne deònach cumhachdan na pàrlamaid a chleachadh gus airgead poblach a thèid a chosg ann an Alba a leudachadh."
Cion-cosnaidh
Ach thug Ruth Davidson rabhadh seachad an aghaidh cìsean a chur suas an coimeas ris a' chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte.
"Tha sinn a' faighinn figearan son cion-cosnaidh ann an Alba nas àirde na an còrr den RA." thuirt i.
"'S e aon dòigh anns nach tèid sin a chàradh ma chuireas tu soidhne an àird aig crìochan na dùthcha a tha ag ràdh 'Cisean Nàs Àirde An Seo!'
Diardaoin, thig a h-uile dad dhen a seo gu ceann - is bidh fios againn de seòrsa cruth a bhios air an ath phàrlamaid ann an Holyrood.