Rabhadh mu mhotor-baidhseagalan beaga

Motor-baidhseagal far-rathaid Image copyright Peter Barr/Geograph

Tha na Poilis ann an Inbhir Nis a' toirt rabhaidh do dhaoine a chleachdas mhotor-baidhseagalan far-rathaid gu mì-laghail sa bhaile.

Tha seo an dèidh ghearainnean bho dhaoine mu mhotor-baidhseagalan beaga agus far-rathaid a bhith gan cleachdadh ann am pàirceannan poblach.

Thuirt na Poilis nach gabhar ris, seach gu bheil e cunnartach do dhaoine eile - gach cuid air chois agus ann an carbadan air an rathad.

Thèid motor-baidhseagalan a chur an grèim ma tha iad gan cleachdadh gu mì-laghail.

Tha cumhachd aig na Poilis sin a dhèanamh far a bheil iad gan cleachdadh gun àrachas no gun chead, no ann an dòigh a tha a' cur dragh air daoine eile.

Feumaidh an fheadhainn leis a bheil am motor-baidhseagal pàigheadh airson seo iad fhèin, agus mura tog iad bho na Poilis e, thèid cuidhteas fhaighinn dheth an ceann 28 làithean.

Tha e mì-laghail motor-baidhseagalan beaga a chleachdadh air an rathad, no ri oir an rathaid air cabhsair.

Chan fhaodar an cleachdadh ach air talamh prìobhaideach, le cead bhon fheadhainn leis a bheil am fearann.