Riaghaltas "a' dèanamh an dìcheill" a thaobh Bhilly Irving

Billy Irving
Image caption Chaidh Billy Irving agus an còrr den chriutha den robh e na phàirt a chur an grèim sna h-Ìnnseachan san Damhair 2013.

Tha Ministirean Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air gealltanas a thoirt do theaghlach Bhilly Irving, gu bheileas a' dèanamh a h-uile dìcheall a thaobh na cùise-lagha a tha na aghaidh.

Chaidh binn còig bliadhna sa phrìosan anns na h-Ìnnseachan air Mgr Irving, às a' Choingheal ann an Earra-Ghàidheal, agus còignear Bhreatannach eile.

Tha iad uile a' dol às àicheadh nan casaidean gun robh armachd mhì-laghail aca aig muir.

Choinnich teaghlach Mhgr Irving le Ministir Oifis nan Dùthchanan Cèine dha Asia, Hugo Swire, Dimàirt, fhad 's a bha raillidhean a' dol anns an Òban agus ann an Cathair Luail.

Chaidh criutha an 'MV Seaman Guard Ohio' a chur an grèim sna h-Ìnnseachan anns an Damhair 2013 agus fhaighinn ciontach san Fhaoilleach am-bliadhna, airson a bhith a' giùlain ghunnaichean nach robh clàraichte mar a bha còir.

Tha iad a' dol às àicheadh nan casaidean 's tha iad air ath-thagradh a chur a-steach.

Thuirt Mgr Swire gu bheil e a' tuigsinn gu bheil cho slaodach 's a tha modh-obrach na cùirte anns na h-Ìnnseachan doirbh, ach nach urrainn dha luchd-poileataigs a dhol an sàs ann an cùis-lagha ann an dùthaich chèin.

Ach thuirt e gu bheil am Prìomhaire Dàibhidh Camshron, Rùnaire nan Dùthchanan Cèine agus e fhèin air a' chuspair a thoirt gu aire Ùghdarrasan nan Ìnnseachan còrr is 30 turas, agus gur e dearbhadh a tha sin air cho cudromach 's a tha an gnothach dhaibh.