Stocainnean Bhaile nan Granndach gan comharrachadh

  • Air fhoillseachadh
StocainneanTùs an deilbh, Thinkstock

Comharrachaidh Baile nan Granndach ann an Srath Spè eachdraidh a' bhaile co-cheangailte ri bhith a' dèanamh stocainnean.

B' ann timcheall air gnìomhachas anairt a stèidhich Seumas Granndach am baile bho chionn 250 bliadhna.

Thèid iarraidh air muinntir a' bhaile, agus feadhainn a tha a' tadhal air stocainnean a lìonadh le airgead air 14mh an Cèitean, a thèid a chur a dh'ionnsaigh chosgaisean nan tachartasan a th' air fàire am-bliadhna gus ceann-bliadhna a' bhaile a chomharrachadh.

Thèid na stocainnean an uair sin a chrochadh air ròpaichean timcheall a' bhaile.

Tha fèis mhòr ga cumail sa bhaile an ath-mhìos.

Chaidh cuirm-cnuic a chumail an-uiridh gus stèidheachadh bun-chloiche a' bhaile ann an 1765 a chomharrachadh.

Chaidh biadh ithe aig a' chuirm-chnuic a bhiodh gach cuid daoine bochda 's daoine beartach ag ithe san 18mh Linn.