£3,000 a dhìth air Colbhasa

Eaglais Cholbhasa Image copyright M J Richardson/Geograph

Tha muinntir Cholbhasa a' dèanamh oidhirp dheireannaich air airgead a thogail airson eaglais Sheòrasach an eilein a chàradh.

Thog iad £57,000 mu choinneimh a' phròiseict thairis air na sia mìosan mu dheireadh, tro ghrantaichean agus tabhartasan bho dhaoine air feadh an t-saoghail aig a bheil ceangal ri Colbhasa, a thuilleadh air an 135 duine a tha a' fuireach ann.

Ach tha iad fhathast £3,000 gann, agus chan eil aca ach gu deireadh na h-Ògmhìos sin a lorg, gus an sàbail iad an t-seann eaglais, a tha an cunnart tuiteam às a chèile.