Càin 50sg 'son taighean-beaga ga mholadh

Cille Chuimein Image copyright Geograph/Ben Brooksbank
Image caption 'S e Cille Chuimein aon de na h-àiteachan air Ghàidhealtachd far am feumar pàigheadh airson na taighean-beaga a chleachdadh.

Dh'fhaodadh gum bi aig daoine ri 50sg a phàigheadh airson taighean-beaga na sgìre a chleachdadh mar phàirt de dh'oidhirp Comhairle na Gàidhealtachd airgead a shàbhaladh.

Tha a' mhòr-chuid de thaighean-beaga Comhairle na Gàidhealtachd an asgaidh an-dràsta.

Tha an t-ùghdarras ionadail a' ruith 102 thaigh-beag, agus tha 27 eile le luchd-gnothachais agus taighean-òsta fosgailte dhan phoball.

Uile gu lèir tha an t-seirbheis a' cosg còrr is £1m dhan Chomhairle, agus le gearraidhean mòra aca ri dhèanamh tha iad a' sgrùdadh càite an gabh sàbhalaidhean a dhèanamh.

Feumar mar thà 20sg a phàigheadh airson na taighean-beaga san Aghaidh Mhòir, sa Ghearasdan, ann an Cille Chuimein agus ann an Inbhir Nis a chleachdadh.

Thèid faighneachd den t-sluagh a-nis am biodh iad deònach 50sg a phàigheadh airson taighean-beaga na sgìre a chleachdadh.

Mur a h-eil daoine deònach sin a dhèanamh tha an t-ùghdarras ionadail a' toirt rabhaidh seachad gun dùin cuid de thaighean-beaga buileach glan.

Cosgail

Thuirt Cathraiche Comataidh Sheirbheisean Coimhearsnachd an ùghdarrais, Ailean MacEanraig, gur e a bhith a' toirt air daoine suim airgid a phàigheadh an roghainn as fheàrr de na roghainnean na tha mun coinneimh.

"Tha iad gu math cosgail an ruith. Tha reataichean agus uisge agad ri phàigheadh, agus siabann, pàipear agus eile, agus feumar an glanadh.

"Nuair a tha thu a' dèanamh sin thar 365 là tha e a' fàs cosgail.

"Ma tha sinn ag iarraidh na taighean-beaga againn a shàbhaladh feumaidh sinn dòighean eile a lorg airson sin a dhèanamh, agus aon dòigh air sin a dhèanamh 's e a bhith ag iarraidh air daoine pàigheadh," thuirt e.

Tha Mgr MacEanraig ag ràdh gu bheil iad air a bhith a' bruidhinn ri daoine agus gu bheil a' mhòr-chuid deònach suim airgid a phàigheadh ma tha e a' ciallachadh gum fuirich na goireasan fosgailte.

Thuirt e gum feumadh an t-ùghdarras co-chomhairle cheart a dhèanamh.