Coinneamhan le croitearan Chuil Uaraich 's Mhangurstaidh
- Air fhoillseachadh

Tha Coimisean na Croitearachd ag ràdh gun coinnich iad ri croitearan ann an Col Uarach agus ann an Mangurstadh an Leòdhas agus connspaid a' leantainn mu mar a chuir an Coimisean comataidhean ionaltraidh an dà bhaile a-mach às an dreuchdan.
Tha dùil gun coinnich iad an ceann seachdain neo dhà.
Thuirt an Coimisean gun robh iad airson a dhèanamh soilleir gun robh iad airson comataidhean ionaltraidh agus clàrcan baile a chuideachadh le a bhith gan riaghladh fhèin taobh a-staigh laghan croitearachd.
Airson sin a dhèanamh thuirt iad gun robh e cudromach gun robh luchd-earrainnean nam bailtean a' tuigsinn nan diofar dhleastanasan a th' air comataidhean ionaltraidh agus clàrcan.
"Tha e an urra ris na comataidhean còirichean nan croitearan a tha a' cleachdadh an ionaltraidh a dhìon a rèir riaghailtean nan comataidhean fhèin.
"Tha sinn cuideachd airson a dhèanamh soilleir gur e dleastanas a' chlàirc airgead fhaighinn bho luchd nan earrainnean agus a thoirt dhaibh ma tha sin a dhìth a rèir riaghailtean Achd na Croitearachd (1993).
"Le sin tha sinn air coinneamhan a chur air dòigh le luchd-earrainnean ionaltraidhean Chuil Uaraich agus Mhangurstaidh ann an Leòdhas airson leantainn air adhart leis a' phroiseas a thòisich mar thà sna bailtean sin," thuirt iad.
Eas-aonta
Tha croitearan Chuil Uaraich agus Mhangurstaidh air an Coimisean a chàineadh airson an dòigh san do làimhsich a' bhuidheann eas-aonta sna bailtean.
Tha seann bhuill Chuil Uaraich a' cur às leth a' Choimisein gun robh e mì-reusanta dhaibh a' chomataidh ionaltraidh a chur ma sgaoil.
Chuir an Coimisean a' chomataidh a-mach às oifis 's iad a' fàgail orra nach robh na cunntasan a thug iad seachad air an sgrùdadh anns an dòigh cheart.
Tha seann bhuill na comataidh ag ràdh gun do dh'iarr an Coimisean na cunntasan às dèidh don chomataidh gearain a dhèanamh mun dòigh san do làimhsich an Coimisean coinneamh leis na croitearan an-uiridh.
Thuirt na buill gun do choilean iad a h-uile iarrtas aig a' Choimisean.
Tha na croitearan a-nis air roghnachadh a dhol gu Cùirt an Fhearainn airson cur an aghaidh co-dhùnadh a' Choimisein.
Cuiridh iad tagradh a-steach chun na cùirteach an ath-sheachdain.
Buaireadh
Tha seann chomataidh ionaltraidh Mhangurstaidh cuideachd air gearain mun dòigh san do làimhsich an Coimisean buaireadh sa bhaile aca-san.
Chaidh a' chomataidh a chur ma sgaoil san Dùbhlachd an dèidh dhan Choimisean co-dhùnadh a dhèanamh ann am fàbhar croiteir gun robh e airidh air roinn de dh'airgead na comataidh.
Thuirt na buill gun deach an cur a-mach às oifis ged a bha iad air gabhail ris a' cho-dhùnadh agus ged a phàigh iad an t-suim a chaidh iarraidh orra.
Tha connstabal ionaltraidh ann an àite ann an sin an-dràsta airson sgrùdadh a dhèanamh air na thachair.
Thathas fhathast a' feitheamh ri co-dhùnadh an rannsachaidh sin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 4 An Cèitean 2016
- 28 An Giblean 2016